Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 21:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh, dh’èirich na h‑Edomaich o bhith fo làimh Iùdah gus an là‑an‑diugh. Agus dh’èirich Libnah anns an àm cheudna o bhith fo a làimh, a chionn gun do thrèig e an Tighearna, Dia a athraichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e ri Ierobòam, Gabh dhut fhèin deich mìrean; oir mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Feuch, reubaidh mise an rìoghachd à làimh Sholaimh, agus bheir mi deich treubhan dhutsa:

A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do shleuchd iad do Astarot, ban-dia nan Sìdonach, do Chemos, dia nam Mòabach, agus do Mhilcom, dia chloinn Amoin, agus nach do ghluais iad ann am shlighean-sa, a dhèanamh an nì a tha ceart am shùilean, agus a ghleidheadh mo reachdan agus mo bhreitheanais mar a rinn Daibhidh a athair.

Agus thill Rab-saceh, agus fhuair e rìgh Asiria a’ cogadh an aghaidh Libnah: oir chuala e gun d’fhalbh e o Lachis.

Ach dar taobh-ne, is e an Tighearna ar Dia, agus cha do thrèig sinn e: agus is iad mic Aaroin na sagartan a tha a’ frithealadh don Tighearna, agus tha na Lèbhithich a’ feitheamh air an obair fhèin;

Agus chaidh e suas an coinneamh Asa, agus thubhairt e ris, Eisdibh riumsa, Asa, agus Iùdah uile, agus a Bheniàmin: Tha an Tighearna maille ribh, am feadh a tha sibhse maille ris-san: agus ma dh’iarras sibh e, gheibhear leibh e: ach ma thrèigeas sibhse esan, trèigidh esan sibhse.

Mar an ceudna rinn e àitean àrda ann an slèibhtean Iùdah, agus thug e air luchd-àiteachaidh Ierusaleim strìopachas a dhèanamh, agus tharraing e Iùdah a dh’ionnsaigh sin.

Na làithean-san dh’èirich na h‑Edomaich o bhith fo làimh Iùdah, agus rinn iad rìgh os an cionn fhèin.

Agus chaidh Iehoram a‑mach le a cheannardan, agus a charbadan uile maille ris: agus dh’èirich e anns an oidhche, agus bhuail e na h‑Edomaich a thàinig mun cuairt air, agus ceannardan nan carbad.

Agus mharbh Pecah mac Remaliah ann an Iùdah ceud agus fichead mìle ann an aon là, fir threuna uile; a chionn gun do thrèig iad an Tighearna, Dia an athraichean.

Agus claoidhear luchd-easaontais agus peacaich maraon; agus bidh iadsan a thrèigeas an Tighearna air an caitheamh as.

Oir chuir mo shluagh-sa dà olc an gnìomh: thrèig iad mise, tobar nan uisgeachan beò; agus chladhaich iad a‑mach dhaibh fhèin sluic, sluic eu‑dionach, nach cùm uisge.

Smachdaichidh d’aingidheachd fhèin thu, agus nì do chùl-sleamhnachadh fhèin do chronachadh: aithnich uime sin, agus faic gur olc agus searbh an nì gun do thrèig thu an Tighearna do Dhia, agus nach eil m’eagal-sa annad, deir an Tighearna, Dia nan sluagh.

Agus lasaidh mo chorraich nan aghaidh anns an là sin, agus trèigidh mi iad, agus falaichidh mi mo ghnùis uapa, agus ithear suas iad, agus thig mòran olc agus àmhgharan orra, air chor is gun abair iad anns an là sin, Nach ann a chionn nach eil ar Dia nar measg a thàinig na h‑uilc seo oirnn?

Rinn iad eudmhor mise leis an nì nach Dia, bhrosnaich iad mi gu feirg len dìomhanais: agus nì mise eudmhor iadsan leòsan nach eil nan sluagh, brosnaichidh mi iad gu feirg le cinneach amaideach.

An sin chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, thairis o Mhacedah gu Libnah, agus chog e an aghaidh Libnah.

Mar seo thug iad do chloinn Aaroin, an sagart, Hebron maille ra fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche, agus Libnah le a fhearann co‑roinn.

Gidheadh thrèig sibh mi, agus rinn sibh seirbhis do dhiathan eile: uime sin cha saor mi sibh nas mò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan