Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma thig olc air bith oirnn, claidheamh, breitheanas, no plàigh, no gorta, seasaidh sinn fa chomhair an taighe seo, agus ann ad fhianais-sa (oir tha d’ainm anns an taigh seo), agus glaodhaidh sinn riut nar teinn, agus èisdidh tusa, agus saoraidh tu sinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus èisd thusa ri athchuinge do sheirbhisich, agus do shluaigh Israel, nuair a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo: agus èisd thusa od àite-còmhnaidh, o na nèamhan, agus nuair a dh’èisdeas tu, maith dhaibh.

Nuair a bhuailear do shluagh Israel an làthair an nàmhaid, a chionn gun do pheacaich iad ad aghaidh, agus a thilleas iad riut, agus a dh’aidicheas iad d’ainm, agus a nì iad ùrnaigh, agus a ghuidheas iad ort anns an taigh seo;

Ma bhios gorta anns an tìr, ma bhios plàigh ann, seargadh, fuar-dhealt, lòcaist, ma bhios burrais ann; ma theannaicheas a nàmhaid e ann an tìr a bhailtean, ciod air bith plàigh, ciod air bith easlaint a bhios ann;

Agus ghabh iad còmhnaidh innte, agus thog iad air do shon-sa innte ionad naomh, airson d’ainme-sa, ag ràdh,

A‑chum gum bi do shùilean fosgailte ris an taigh seo a dh’oidhche agus a là, eadhon ris an àite mun dubhairt thu gun cuireadh tu d’ainm an sin, a dh’èisdeachd ris an ùrnaigh a nì do sheirbhiseach a dh’ionnsaigh an àite seo.

On là air an tug mi mo shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit, cha do thagh mi baile sam bith à uile threubhan Israeil a thogail taighe, a‑chum gum biodh m’ainm an sin, agus cha do thagh mi duine sam bith gu bhith na uachdaran os cionn mo shluaigh Israel.

A‑nis nuair a rinn Esra ùrnaigh, agus a dh’aidich e, a’ gul, agus ga thilgeadh fhèin sìos fa chomhair taigh Dhè, chruinnich da ionnsaigh à Israel co‑chruinneachadh ro‑mhòr de fhir, agus de mhnathan, agus de chloinn: oir ghuil an sluagh gu mòr.

Agus gairm orm ann an là teanntachd; saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhòmhsa.

Gu dearbh saoraidh e thu o rib an eunadair, on phlàigh mhilltich.

Altair de thalamh nì thu dhòmhsa, agus ìobraidh tu oirre do thabhartasan-loisgte, agus do thabhartasan-sìthe, do chaoraich, agus do dhaimh: anns gach àit anns an toir mise fa‑near gun cuimhnichear m’ainm, thig mi ad ionnsaigh, agus beannaichidh mi thu.

Bi faiceallach na làthair, agus èisd ra ghuth; na cuir na aghaidh: oir cha lagh e ur cionta; oir tha m’ainm annsan.

Oir ge bè àite anns a bheil dithis no triùir air an cruinneachadh an ceann a chèile ann am ainm-sa, tha mise an sin nam meadhon.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan