Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh iad còmhnaidh innte, agus thog iad air do shon-sa innte ionad naomh, airson d’ainme-sa, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Feuch, tha mi gu taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, a‑chum a choisrigeadh dha, gu tùis chùbhraidh a losgadh na fhianais, agus airson an arain thaisbeanta bhith-bhuain, agus airson ìobairtean-loisgte air madainn agus air feasgar, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air àrd-fhèillean an Tighearna ar Dia: gu bràth tha seo ceangailte air Israel.

Nach tusa ar Dia-ne, a dh’fhògair a‑mach luchd-àiteachaidh na tìre seo rod shluagh Israel, agus a thug i do shliochd Abrahàim, do charaid, gu bràth?

Ma thig olc air bith oirnn, claidheamh, breitheanas, no plàigh, no gorta, seasaidh sinn fa chomhair an taighe seo, agus ann ad fhianais-sa (oir tha d’ainm anns an taigh seo), agus glaodhaidh sinn riut nar teinn, agus èisdidh tusa, agus saoraidh tu sinn.

Agus choilean an Tighearna a fhacal a labhair e, agus dh’èirich mise suas an àite Dhaibhidh m’athair, agus tha mi am shuidhe air rìgh-chathair Israeil, mar a labhair an Tighearna, agus thog mi an taigh do ainm an Tighearna Dia Israeil:

On là air an tug mi mo shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit, cha do thagh mi baile sam bith à uile threubhan Israeil a thogail taighe, a‑chum gum biodh m’ainm an sin, agus cha do thagh mi duine sam bith gu bhith na uachdaran os cionn mo shluaigh Israel.

Ach a‑nis thagh mi Ierusalem, a‑chum gum biodh m’ainm an sin; agus thagh mi Daibhidh gu bhith os cionn mo shluaigh Israel.

Agus thug an Tighearna do Israel am fearann uile a mhionnaich e a thoirt dan athraichean; agus shealbhaich iad e, agus ghabh iad còmhnaidh ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan