Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè ar n‑athraichean, nach tusa Dia anns na nèamhan? Agus nach eil thu a’ riaghladh os cionn uile rìoghachdan nan cinneach? Agus ann ad làimh-sa nach eil neart agus cumhachd, air chor is nach eil neach air bith comasach air seasamh ad aghaidh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Israeil, chan eil Dia ann cosmhail riutsa, anns na nèamhan shuas, no air an talamh a‑bhos, a chumas coicheangal agus tròcair rid sheirbhisich a ghluaiseas ad fhianais len uile chridhe:

Agus èisd thusa ri athchuinge do sheirbhisich, agus do shluaigh Israel, nuair a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo: agus èisd thusa od àite-còmhnaidh, o na nèamhan, agus nuair a dh’èisdeas tu, maith dhaibh.

O Thighearna Dhia Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, ar n‑athraichean, glèidh seo gu bràth ann am breithneachadh smuaintean cridhe do shluaigh, agus ullaich an cridhe dhut fhèin;

Agus sheas Iehosaphat ann an coitheanal Iùdah agus Ierusaleim, ann an taigh an Tighearna, fa chomhair na cùirte nodha.

Ach mas àill leat imeachd, dèan; bi làidir airson a’ chatha; bheir Dia ort tuiteam ron nàmhaid; oir tha Dia comasach air còmhnadh a dhèanamh, agus air tilgeadh sìos.

Agus cha b’urrainn na sagartan seasamh a fhrithealadh air sgàth an neòil: oir lìon glòir an Tighearna taigh Dhè.

Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Israeil, chan eil Dia ann cosmhail riutsa anns na nèamhan, no air an talamh, a chumas coicheangal agus tròcair rid sheirbhisich, a ghluaiseas ad fhianais len uile chridhe:

Glic ann an cridhe, agus treun ann an neart, cò a chruadhaich e fhèin na aghaidh, agus a shoirbhich?

Ach tha ar Dia-ne anns na nèamhan, agus rinn e gach nì a b’àill leis.

Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah.

Oir tha an Tighearna, an Tì as àirde, na adhbhar eagail; is Rìgh mòr e os cionn na talmhainn uile.

Tha Dia na Rìgh os cionn nan cinneach; tha Dia na shuidhe air rìgh-chathair a naomhachd.

Air sgàth d’ainme, a Dhè, saor thusa mi, agus led chumhachd cùm cothrom rium.

Aon uair labhair Dia; dà uair chuala mi seo, gur le Dia cumhachd.

Thubhairt e mar an ceudna, Is mise Dia d’athar, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. Agus dh’fhalaich Maois a aghaidh; oir bha eagal air amharc air Dia.

Oir shònraich Tighearna nan sluagh a’ chomhairle, agus cò a bhacas? Agus is i a làmh-san a tha sìnte mach, agus cò a thilleas air a h‑ais i?

Mar seo deir an Tighearna, Is iad na nèamhan mo rìgh-chathair, agus an talamh stòl mo chas; cia e an taigh a thogas sibh dhòmhsa? Agus cia e ionad mo chòmhnaidh?

Feuch, mar leòmhann thig e a‑nìos o ataireachd Iòrdain gu ionad-còmhnaidh nan cumhachdach. Gu deimhinn bheir mise fa‑near gu luath gu ruith e a‑nìos as a sin; agus cò e an gaisgeach taghte a chuireas mi os a chionn? Oir cò as cosmhail riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no càit a bheil am buachaille sin as urrainn seasamh ann am làthair?

Tha a’ chùis seo le teann-òrdagh nam fear-faire, agus an t‑iarrtas air facal nan naomh: a‑chum gum biodh fhios aig na bheil beò gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis, agus a’ cur suas os a cionn an tì as suaraiche de dhaoine.

Gum fògair iad thu o dhaoine, agus gum bi do chòmhnaidh le beathaichean na machrach, agus bheir iad ort feur ithe mar dhaimh, agus fliuchaidh iad thu le dealt nèimh, agus thèid seachd aimsirean thairis ort, gus am bi fhios agad gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis.

Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen.

Air an adhbhar sin dèanaibh-se ùrnaigh air a’ mhodh seo: Ar n‑Athair a tha air nèamh, Gu naomhaichear d’ainm.

Uime sin ma thug Dia dhaibhsan a cho-ionnan tìodhlac rinne, a chreid anns an Tighearna Iosa Crìosd, cò mise gum bithinn comasach bacadh a chur air Dia?

Their thu, matà, rium, Carson a tha e mas eadh a’ faghail croin? Oir cò a chuir an aghaidh a thoile?

Biodh agad fios uime sin an‑diugh, agus thoir fa‑near ad chridhe, gur e an Tighearna as Dia ann air nèamh shuas, agus air an talamh a‑bhos: chan eil ann ach e.

Agus cho luath is a chuala sinne na nithean sin, leagh ar cridheachan, agus cha d’fhan tuilleadh a’ bheag de mhisnich ann an duine sam bith air ur son-se: oir an Tighearna ur Dia, is esan Dia anns na nèamhan shuas, agus air an talamh a‑bhos.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan