Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sheas Iehosaphat ann an coitheanal Iùdah agus Ierusaleim, ann an taigh an Tighearna, fa chomhair na cùirte nodha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Ma thèid do shluagh a‑mach a chogadh an aghaidh an naimhdean, ge bè rathad a chuireas tu iad, agus gun dèan iad ùrnaigh ris an Tighearna a làimh a’ bhaile a roghnaich thusa, agus an taighe a chuir mise suas dod ainm;

Agus chruinnicheadh Iùdah an ceann a chèile a dh’iarraidh còmhnaidh on Tighearna: eadhon à uile bhailtean Iùdah thàinig iad a dh’iarraidh an Tighearna.

Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè ar n‑athraichean, nach tusa Dia anns na nèamhan? Agus nach eil thu a’ riaghladh os cionn uile rìoghachdan nan cinneach? Agus ann ad làimh-sa nach eil neart agus cumhachd, air chor is nach eil neach air bith comasach air seasamh ad aghaidh?

Agus sheas an rìgh na àite fhèin, agus rinn e coicheangal am fianais an Tighearna gun gluaiseadh e an dèidh an Tighearna, agus gun gleidheadh e a àitheantan, agus a theisteis agus a reachdan, le a uile chridhe agus le a uile anam, a choileanadh briathran a’ choicheangail, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo.

Agus thàinig Ieremiah o Thophet, gus an do chuir an Tighearna e gu fàistneachd; agus sheas e ann an cùirt taigh an Tighearna, agus thubhairt e ris an t‑sluagh uile,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan