Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chruinnicheadh Iùdah an ceann a chèile a dh’iarraidh còmhnaidh on Tighearna: eadhon à uile bhailtean Iùdah thàinig iad a dh’iarraidh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus nan dèidh-san thàinig a‑mach a uile threubhan Israeil iadsan a shocraich an cridhe a dh’iarraidh an Tighearna Dia Israeil, gu Ierusalem, a dh’ìobradh don Tighearna Dia an athraichean.

Agus shuidhich e britheamhan anns an tìr, air feadh uile bhailtean daingnichte Iùdah, anns gach baile fa leth.

Agus sheas Iehosaphat ann an coitheanal Iùdah agus Ierusaleim, ann an taigh an Tighearna, fa chomhair na cùirte nodha.

Ma dh’irioslaicheas mo shluagh, air an goirear m’ainm, iad fhèin, agus gun dèan iad ùrnaigh, agus gun iarr iad mo ghnùis, agus gun till iad on droch shlighean, an sin cluinnidh mise o na nèamhan, agus maithidh mi am peacadh, agus lèighsidh mi am fearann.

An sin ghairm mi trasgadh anns an àite sin aig abhainn Ahabha, a‑chum gun irioslaicheamaid sinn fhèin am fianais ar Dè, a dh’iarraidh air slighe cheart dhuinn fhèin, agus dar cloinn bhig, agus dar maoin uile.

Agus gairm orm ann an là teanntachd; saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhòmhsa.

Ann an Dia molaidh mi a fhacal; ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas feòil a dhèanamh orm.

Oir saoraidh Dia Sion, agus togaidh e bailtean Iùdah, agus gabhaidh iad còmhnaidh an sin, agus mealaidh iad i.

Naomhaichibh-se trasgadh, gairmibh là toirmisg, cruinnichibh na seanairean, uile luchd-àiteachaidh na tìre, gu taigh an Tighearna ur Dia, agus glaodhaibh ris an Tighearna.

Uime sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh ri taigh Israeil: Iarraibh-se mise, agus mairidh sibh beò:

Cruinnichibh sibh fhèin ri chèile, seadh cruinnichibh ri chèile, O fhine gun iarraidh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan