Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:37

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach rinn Elièser, mac Dhodabhah o Mharesah, fàistneachd an aghaidh Iehosaphait, ag ràdh, A chionn gun do rinn thu coicheangal ri Ahasiah, bhris an Tighearna d’obraichean. Agus bhriseadh na longan, agus cha b’urrainn iad dol gu Tarsis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Rinn Iehosaphat longan Tharsis gu dol do Ophir airson òir: (ach cha deachaidh iad ann; oir bhriseadh na longan ann an Esion-geber).

Agus Gat, agus Maresah, agus Siph,

Oir tha sùilean an Tighearna ag amharc a‑null agus a‑nall air feadh na talmhainn uile, a‑chum e fhèin a nochdadh làidir as an leth-san, aig a bheil cridhe iomlan da thaobh. Rinn thu gu h‑amaideach an seo; air an adhbhar sin o seo a‑mach bidh cogadh ad aghaidh.

Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear-seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna.

Agus rinn e coicheangal ris longan a dhèanamh a rachadh gu Tarsis: agus rinn iad na longan ann an Esion-geber.

Agus chaidil Iehosaphat maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Iehoram a mhac na àite.

Oir chaidh loingeas an rìgh gu Tarsis maille ri seirbhisich Huraim: aon uair anns na trì bliadhna thàinig loingeas Tharsis a’ giùlan òir agus airgid, fiaclan elephant, agus apa, agus pheucag.

An tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan.

Trèigibh nithean amaideach, agus bithibh beò; agus imichibh air slighe na tuigse.

Oir an tì as ionmhainn leis an Tighearna, smachdaichidh e, agus sgiùrsaidh e gach mac ris an gabh e.

A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan