Oir bha luingeas Tharsis aig an rìgh air muir maille ri luingeas Hiraim: aon uair anns na trì bliadhna thàinig luingeas Tharsis, a’ giùlan òir, agus airgid, fiaclan elephant, agus apa, agus pheucag.
Ach rinn Elièser, mac Dhodabhah o Mharesah, fàistneachd an aghaidh Iehosaphait, ag ràdh, A chionn gun do rinn thu coicheangal ri Ahasiah, bhris an Tighearna d’obraichean. Agus bhriseadh na longan, agus cha b’urrainn iad dol gu Tarsis.
Oir chaidh loingeas an rìgh gu Tarsis maille ri seirbhisich Huraim: aon uair anns na trì bliadhna thàinig loingeas Tharsis a’ giùlan òir agus airgid, fiaclan elephant, agus apa, agus pheucag.