Agus na dhèidh seo rinn Iehosaphat rìgh Iùdah coicheangal ri Ahasiah rìgh Israeil, a bha olc na dhèanadas.
Oir rinn e seirbhis do Bhàal, agus shleuchd e dha, agus bhrosnaich e an Tighearna Dia Israeil gu feirg, a rèir nan uile nithean a rinn a athair.
Agus bha aig Iehosaphat beartas agus cliù ann am pailteas: agus rinn e cleamhnas ri Ahab.
Agus ghluais e ann an slighe rìghrean Israeil, mar a rinn taigh Ahaib; oir bha nighean Ahaib na mnaoi aige: agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna.