Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda oir fhathast cha d’ullaich an sluagh an cridhe airson Dia an athraichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e olc, a chionn nach d’ullaich e a chridhe a dh’iarraidh an Tighearna.

Oir chuir e air falbh altairean nan diathan coimheach, agus na h‑àitean àrda, agus bhris e sìos na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan;

Ach cha do chuireadh na h‑àitean àrda air falbh à Israel: gidheadh bha cridhe Asa iomlan rè a làithean uile.

Agus dh’àrdaicheadh a chridhe ann an slighean an Tighearna; agus mar an ceudna chuir e air falbh na h‑àitean àrda agus na doireachan à Iùdah.

Ach fhuaireadh nithean matha annad, a‑thaobh gun do chuir thu air falbh na doireachan as an tìr, agus gun d’ullaich thu do chridhe a dh’iarraidh Dhè.

Agus ghluais e ann an slighe Asa a athair, agus cha do dhealaich e rithe, a’ dèanamh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna.

Ach rinn Heseciah ùrnaigh air an son, ag ràdh, Gun tugadh an Tighearna math maitheanas do gach aon, a dheasaich a chridhe a dh’iarraidh an Tighearna, Dia a athraichean, ged nach eil e glan a rèir glanadh an ionaid naoimh.

Gidheadh, dh’ìobair an sluagh fhathast anns na h‑àitean àrda, ach a‑mhàin don Tighearna an Dia.

Na deuchainnean mòra a chunnaic do shùilean, na comharraidhean agus na h‑iongantasan mòra sin;

Gidheadh cha tug an Tighearna dhuibh cridhe a thuigsinn, agus sùilean a dh’fhaicinn, agus cluasan a chluinntinn, gus an là‑an‑diugh.

Agus labhair Samuel ri uile thaigh Israeil, ag ràdh, Ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna le ur n‑uile chridhe, an sin cuiribh air falbh na diathan coimheach as ur measg, Bàalim agus Astarot: agus ullaichibh ur cridhe a‑chum an Tighearna, agus dèanaibh seirbhis dhàsan a‑mhàin, agus saoraidh e sibh à làimh nam Philisteach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan