Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghluais e ann an slighe Asa a athair, agus cha do dhealaich e rithe, a’ dèanamh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Asa an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn Daibhidh a athair.

Ach cha do chuireadh na h‑àitean àrda air falbh à Israel: gidheadh bha cridhe Asa iomlan rè a làithean uile.

Agus rìghich Iehosaphat os cionn Iùdah: còig-bliadhna-deug ar fhichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e còig-bliadhna-fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Asubah, nighean Shilhi.

Ach cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda oir fhathast cha d’ullaich an sluagh an cridhe airson Dia an athraichean.

Oir ghlèidh mi slighean an Tighearna, agus cha do chlaon mi gu h‑aingidh om Dhia.

Is euceart agus cealg briathran a bheòil; leig e dheth a bhith glic, math a dhèanamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan