Agus rinn Iùdah uile gàirdeachas a‑thaobh nam mionnan sin: oir mhionnaich iad len uile chridhe, agus dh’iarr iad e len uile rùn; agus fhuaireadh e leo. Agus thug an Tighearna fois dhaibh air gach taobh.
Agus bheir mise sìth anns an tìr, agus laighidh sibh sìos, agus cha chuir neach sam bith eagal oirbh: agus sgriosaidh mi droch bheathaichean as an dùthaich, agus cha tèid an claidheamh tro ur fearann.
Cha dèan iarmad Israeil aingidheachd, cha mhò a labhras iad breugan: cha mhò a gheibhear teanga chealgach nam beul. Oir ionaltraidh agus laighidh iad sìos, agus cha chuir aon neach eagal orra.
Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth-sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air.
Agus an ceann ùine fhada, an dèidh don Tighearna fois a thoirt do Israel on naimhdean uile mun cuairt, dh’fhàs Iosua sean, agus thàinig e air aghaidh ann am bliadhnachan.