Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha eagal Dhè air uile rìoghachdan nan dùthchannan sin, nuair a chuala iad gun do chog an Tighearna an aghaidh naimhdean Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus dh’imich iad: agus bha eagal Dhè air na bailtean a bha mun cuairt orra, agus cha do rinn iad tòireachd air mic Iàcoib.

Oir thug an Tighearna air feachd nan Sirianach fuaim charbad a chluinntinn, agus fuaim each, eadhon fuaim slòigh mhòir: agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Feuch, thuarasdalaich rìgh Israeil nar n‑aghaidh rìghrean nan Hiteach, agus rìghrean nan Eiphiteach, gu teachd oirnn.

Agus lean Asa agus an sluagh a bha maille ris iad gu Gèrar: agus thuit de na h‑Etiopaich uiread is nach robh tuilleadh neirt aca: oir sgriosadh iad ron Tighearna agus ro a fheachd: agus thug iad leo ro‑mhòran creiche.

Agus bhuail iad na bailtean uile mun cuairt air Gèrar, oir bha eagal an Tighearna orra; agus chreach iad na bailtean uile, oir bha mòran creiche annta.

Agus bha eagal an Tighearna air uile rìoghachdan nan tìrean a bha mun cuairt air Iùdah, agus cha do chog iad ri Iehosaphat.

Agus thàinig iad gu Ierusalem le saltairean, agus le clàrsaichean, agus le trompaidean, a dh’ionnsaigh taigh an Tighearna.

Thug thusa air breitheanas gun cualas o nèamh e; bha eagal air an talamh, agus bha e na thàmh,

Cogaidh an Tighearna air ur son, agus fanaidh sibhse nur tosd.

Agus thug e air falbh rothan an carbad, air chor is gun do tharraingeadh iad gu trom. Agus thubhairt na h‑Eiphitich, Teicheamaid à làthair Israeil, oir tha an Tighearna a’ cogadh leòsan an aghaidh nan Eiphiteach.

Cuiridh mi m’eagal romhad, agus sgriosaidh mi an sluagh uile a dh’ionnsaigh an tèid thu, agus bheir mi air do naimhdean gu lèir an cùl a thionndadh riut.

Agus nuair a chuala uile rìghrean nan Amorach, a bha air an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an iar, agus uile rìghrean nan Canàanach, a bha làimh ris an fhairge, gun do thiormaich an Tighearna suas uisgeachan Iòrdain ro chloinn Israeil, gus an deachaidh sinn thairis, leagh an cridhe, agus cha robh spiorad tuilleadh annta, airson chloinn Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan