Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig Iehosaphat agus a shluagh a thoirt leo an creiche; agus fhuair iad nam measg ann am pailteas araon beartas maille ris na cuirp mharbha, agus seudan luachmhor a thug iad dhiubh air an son fhèin, tuilleadh is a b’urrainn iad iomchar leo: agus bha iad trì làithean ann an cruinneachadh na creiche; oir bha i mòr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig Iùdah làimh ri tùr na faire anns an fhàsach, dh’amhairc iad air an t‑sluagh mhòr, agus, feuch, bha iad nan cuirp mharbha air tuiteam gu talamh, agus cha deachaidh duine as dhiubh.

Agus air a’ cheathramh là chruinnicheadh iad an ceann a chèile ann an gleann Bherachah; oir an sin bheannaich iad an Tighearna: uime sin thugadh mar ainm air an àite sin gleann Bherachah, gus an là‑an‑diugh.

Theich, theich rìghrean nan armailtean, agus roinn ise a dh’fhan aig an taigh a’ chreach.

Ach iarraidh gach bean o a ban-choimhearsnaich, agus on mhnaoi a bhios air aoigheachd na taigh, seudan airgid, agus seudan òir, agus aodach: agus cuiridh sibh iad air ur mic, agus air ur nigheanan; agus creachaidh sibh na h‑Eiphitich.

Is luachmhoire i na na seudan, agus chan eil gach nì as urrainn thu a mhiannachadh rin coimeas rithe.

Agus cogaidh Iùdah fòs aig Ierusalem; agus cruinnichear ri chèile maoin nan uile chinneach mun cuairt, òr, agus airgead, agus earradh, ann am pailteas mòr.)

Agus thubhairt Maois riu, An do ghlèidh sibh na mnathan uile beò?

(Oir ghabh na fir-chogaidh cobhartach, gach duine dha fhèin.)

Chan eadh, ach anns na nithean sin uile tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh, trìdsan a ghràdhaich sinn.

Agus uile chreach nam bailtean sin, agus an sprèidh, ghabh clann Israeil mar chobhartach dhaibh fhèin; ach bhuail iad gach duine le faobhar a’ chlaidheimh, gus an do chuir iad as dhaibh; cha d’fhàg iad neach air bith anns an robh anail.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan