2 Eachdraidh 20:24Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a thàinig Iùdah làimh ri tùr na faire anns an fhàsach, dh’amhairc iad air an t‑sluagh mhòr, agus, feuch, bha iad nan cuirp mharbha air tuiteam gu talamh, agus cha deachaidh duine as dhiubh. Faic an caibideil |
Agus thàinig Iehosaphat agus a shluagh a thoirt leo an creiche; agus fhuair iad nam measg ann am pailteas araon beartas maille ris na cuirp mharbha, agus seudan luachmhor a thug iad dhiubh air an son fhèin, tuilleadh is a b’urrainn iad iomchar leo: agus bha iad trì làithean ann an cruinneachadh na creiche; oir bha i mòr.