Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir sheas clann Amoin agus Mhòaib suas an aghaidh luchd-àiteachaidh sliabh Sheir, a‑chum am marbhadh agus an sgrios gu tur; agus nuair a chuir iad as do luchd-àiteachaidh Sheir, chuidich iad gach aon dhiubh gus a chèile a sgrios.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus na Horich nan sliabh Seir, gu ruig El‑paran, a tha làimh ris an fhàsach.

Agus nuair a thàinig Iùdah làimh ri tùr na faire anns an fhàsach, dh’amhairc iad air an t‑sluagh mhòr, agus, feuch, bha iad nan cuirp mharbha air tuiteam gu talamh, agus cha deachaidh duine as dhiubh.

Na làithean-san dh’èirich na h‑Edomaich o bhith fo làimh Iùdah, agus rinn iad rìgh os an cionn fhèin.

Agus cuiridh mise Eiphitich an aghaidh Eiphiteach; agus cogaidh iad gach fear an aghaidh a bhràthar, agus gach fear an aghaidh a choimhearsnaich; baile an aghaidh baile, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd.

Agus gairmidh mise airson claidheimh na aghaidh air feadh m’uile shlèibhtean, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh; bidh claidheamh gach aon duine an aghaidh a bhràthar.

Agus tilgidh mi rìgh-chathair rìoghachdan bun-os‑cionn, agus sgriosaidh mi neart rìoghachdan nan cinneach; agus tilgidh mi bun-os‑cionn na carbadan, agus iadsan a tha a’ marcachd orra, agus tuitidh na h‑eich agus am marcaichean sìos, gach aon le claidheamh a bhràthar.

Na beanaibh riu; oir cha toir mi a’ bheag dem fearann dhuibh, cha toir uiread is leud troighe; a chionn gun tug mi sliabh Sheir do Esau mar sheilbh.

Agus thug mi do Isaac Iàcob agus Esau: agus thug mi do Esau sliabh Sheir ra shealbhachadh; ach chaidh Iàcob agus a chlann sìos don Eiphit.

Agus shèid an trì cheud na trompaidean, agus chuir an Tighearna claidheamh gach duine an aghaidh a chompanaich, eadhon air feadh an fheachd uile; agus theich an sluagh gu Betsitah ann an Sererat, agus gu crìch Abeil-meholah, làimh ri Tabat.

Agus chruinnich Saul agus an sluagh uile a bha maille ris iad fhèin an ceann a chèile, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh a’ chatha; agus, feuch, bha claidheamh gach fir an aghaidh a choimhearsnaich, agus bha amhluadh ro‑mhòr ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan