Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thòisich iad air seinn agus air moladh, chuir an Tighearna luchd feall-fhalaich an aghaidh chloinn Amoin, agus Mhòaib, agus sliabh Sheir, a thàinig an aghaidh Iùdah; agus bhuaileadh iad:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Gairmidh mi air an Tighearna, as airidh air cliù; agus om naimhdean saorar mi.

Agus rinn Elisa ùrnaigh, agus thubhairt e, A Thighearna, fosgail, guidheam ort, a shùilean, a‑chum is gum faic e. Agus dh’fhosgail an Tighearna sùilean an òganaich, agus chunnaic e; agus, feuch, bha an sliabh làn each, agus de charbadan teine mun cuairt air Elisa.

Ach thug Ierobòam air luchd feall-fhalaich teachd mun cuairt air an cùlaibh, air chor is gu robh iad fhèin fa chomhair Iùdah, agus an luchd feall-fhalaich air an cùlaibh.

Agus rinn fir Iùdah iolach: agus nuair a rinn fir Iùdah iolach, air ball bhuail Dia Ierobòam agus Israel uile ro Abiah agus Iùdah.

Agus a‑nis, feuch, clann Amoin, agus Mhòaib, agus sliabh Sheir; cha do leig thu le Israel dol tron crìochan, nuair a thàinig iad à tìr na h‑Eiphit, ach thionndaidh iad uapa, agus cha do sgrios iad iad;

Na làithean-san dh’èirich na h‑Edomaich o bhith fo làimh Iùdah, agus rinn iad rìgh os an cionn fhèin.

Agus bha iad mar aon a’ dèanamh fuaim le trompaidean, agus a’ seinn, a thoirt air aon ghuth a bhith air a chluinntinn a mholadh agus a thoirt buidheachais don Tighearna. Ach nuair a thog iad suas an guth leis na trompaidean, agus na ciombalan, agus na h‑innealan-ciùil, agus a bha iad a’ moladh an Tighearna, a chionn gu bheil e math, a chionn gum mair a thròcair gu bràth; an sin lìonadh an taigh le neul, taigh an Tighearna.

Chuartaich piantan a’ bhàis mi, agus chuir tuiltean dhroch dhaoine eagal orm.

Agus cuiridh mise Eiphitich an aghaidh Eiphiteach; agus cogaidh iad gach fear an aghaidh a bhràthar, agus gach fear an aghaidh a choimhearsnaich; baile an aghaidh baile, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd.

Agus gairmidh mise airson claidheimh na aghaidh air feadh m’uile shlèibhtean, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh; bidh claidheamh gach aon duine an aghaidh a bhràthar.

Agus air an t‑seachdamh uair shèid na sagartan leis na trompaidean, agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Dèanaibh iolach; oir thug an Tighearna dhuibh am baile.

Agus shèid an trì cheud na trompaidean, agus chuir an Tighearna claidheamh gach duine an aghaidh a chompanaich, eadhon air feadh an fheachd uile; agus theich an sluagh gu Betsitah ann an Sererat, agus gu crìch Abeil-meholah, làimh ri Tabat.

Agus dh’amhairc luchd-faire Shauil ann an Gibeah Bheniàmin; agus, feuch, leagh am mòr-shluagh as, agus dh’fhalbh iad a’ bualadh sìos a chèile.

Agus chruinnich Saul agus an sluagh uile a bha maille ris iad fhèin an ceann a chèile, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh a’ chatha; agus, feuch, bha claidheamh gach fir an aghaidh a choimhearsnaich, agus bha amhluadh ro‑mhòr ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan