Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thug e comhairle don t‑sluagh, dh’òrdaich e luchd-seinn don Tighearna, daoine a mholadh maise na naomhachd, nuair a thigeadh iad a‑mach ron armailt, agus a theireadh, Thugaibh buidheachas don Tighearna, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Thugaibh don Tighearna an t‑urram as cubhaidh da ainm: thugaibh tabhartas leibh, agus thigibh na làthair; sleuchdaibh don Tighearna ann am maise na naomhachd.

Molaibh an Tighearna, oir tha e math; oir gu bràth mairidh a thròcair.

Agus maille riùsan Heman agus Iedutun, agus a’ chuid eile a thaghadh, a ghairmeadh air an ainmean, a thoirt cliù don Tighearna, a chionn gu bheil a thròcair bithbhuan:

Agus chùm clann Israeil a bha an làthair ann an Ierusalem fèill an arain neo-ghortaichte seachd làithean le mòr-ghàirdeachas: agus mhol na Lèbhithich agus na sagartan an Tighearna o là gu là, a’ seinn le innealan fuaimneach don Tighearna.

Agus bha iad mar aon a’ dèanamh fuaim le trompaidean, agus a’ seinn, a thoirt air aon ghuth a bhith air a chluinntinn a mholadh agus a thoirt buidheachais don Tighearna. Ach nuair a thog iad suas an guth leis na trompaidean, agus na ciombalan, agus na h‑innealan-ciùil, agus a bha iad a’ moladh an Tighearna, a chionn gu bheil e math, a chionn gum mair a thròcair gu bràth; an sin lìonadh an taigh le neul, taigh an Tighearna.

Agus nuair a chunnaic clann Israeil uile mar a thàinig an teine a‑nuas, agus glòir an Tighearna, air an taigh, chrom iad iad fhèin len aghaidhean a‑chum na talmhainn air an ùrlar, agus rinn iad adhradh, agus mhol iad an Tighearna, a chionn gu bheil e math, gum mair a thròcair gu bràth.

Agus dh’fheith na sagartan air an dreuchd; na Lèbhithich mar an ceudna le innealan-ciùil an Tighearna, a rinn Daibhidh an rìgh a mholadh an Tighearna, a chionn gum mair a thròcair gu bràth, nuair a bha Daibhidh a’ cliùthachadh len làimh-san: agus shèid na sagartan trompaidean romhpa, agus sheas Israel uile.

Agus aig coisrigeadh balla Ierusaleim dh’iarr iad na Lèbhithich as an àitean uile, a‑chum an tabhairt gu Ierusalem, a chumail a’ choisrigidh le aoibhneas, agus le breith-buidheachais, agus le seinn, le ciombalan, saltairean, agus le clàrsaichean.

Molaibh an Tighearna. O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Chuartaich piantan a’ bhàis mi, agus chuir tuiltean dhroch dhaoine eagal orm.

Thugaibh don Tighearna a’ ghlòir as cubhaidh da ainm; sleuchdaibh don Tighearna ann am maise na naomhachd.

A‑mach à Sion, iomlaine na maise, dhealraich Dia.

Agus biodh maise an Tighearna ar Dia oirnn, agus daingnich thusa obair ar làmh dhuinn; seadh, daingnich obair ar làmh.

Sleuchdaibh don Tighearna ann am maise na naomhachd; biodh eagal oirbh na fhianais, gach uile thìr.

Far nach eil comhairle, tuitidh sluagh; ach ann an lìonmhorachd chomhairleach tha tèarainteachd.

Guth aoibhneis, agus guth subhachais, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; guth na muinntir a their, Molaibh-se Tighearna nan sluagh, oir tha an Tighearna math, oir tha a thròcair buan gu sìorraidh; agus na muinntir a bheir an ìobairt-mholaidh gu taigh an Tighearna: oir bheir mise air a h‑ais bruid an fhearainn, mar air tùs, deir an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan