Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Thecòa: agus nuair a bha iad a’ dol a‑mach, sheas Iehosaphat agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Creidibh anns an Tighearna ur Dia, agus daingnichear sibh; creidibh a fhàidhean, agus soirbhichidh sibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Ioab fios gu Tecòah, agus thug e as a sin bean ghlic, agus thubhairt e rithe, Leig ort a bhith ri bròn, guidheam ort, agus cuir ort a‑nis aodach bròin, agus na ung thu fhèin le ola, ach bi mar mhnaoi a tha a‑nis fada ri bròn airson mairbh:

Agus bha aig Asur athair Thecòah dà mhnaoi, Helah agus Naarah.

Thog e eadhon Betlehem, agus Etam, agus Tecòa,

Agus dh’èirich na Lèbhithich de chloinn nan Cohatach, agus de chloinn nan Corhach, suas a mholadh an Tighearna Dia Israeil le guth mòr, gu h‑àrd.

Bidh iadsan a dh’earbas as an Tighearna mar shliabh Shioin, nach caraichear, ach a mhaireas gu sìorraidh.

Agus chunnaic Israel an obair mhòr sin a rinn an Tighearna air na h‑Eiphitich, agus bha eagal an Tighearna air an t‑sluagh, agus chreid iad an Tighearna agus Maois a sheirbhiseach.

Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.

Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch suidhichidh mise mar stèidh ann an Sion clach, clach dhearbhte, clach-chinn na h‑oisinn; sàr bhunait; esan a chreideas, cha chuirear gu amhluadh e.

Ged as e ceann Ephraim Samaria, agus ceann Shamaria mac Remaliah. Mura creid sibh, gu cinnteach cha bhi sibh seasmhach.

Ach thubhairt Ieremiah, Cha toir iad thairis thu; thoir gèill, guidheam ort, do ghuth an Tighearna anns an nì a tha mise a’ labhairt riut: mar sin èiridh gu math dhut, agus mairidh d’anam beò.

Teichibh gu h‑iomlan, O mhaca Bheniàmin, a‑mach à meadhon Ierusaleim, agus ann an Tecòa sèidibh an trompaid; air Betacerem fòs cuiribh suas comharradh teine: oir dh’fhoillsicheadh olc on àird a tuath, agus dòrainn mhòr.

An sin bha an rìgh ro‑aoibhneach air a shon, agus dh’àithn e gun tugadh iad Daniel a‑nìos as a’ gharaidh, agus cha d’fhuaireadh gnè air bith de dhochainn air, a chionn gun do chreid e na Dhia.

Agus thubhairt e ris, Mura èisd iad ri Maois agus ris na fàidhean, cha mhò a chreideas iad, ged èireadh neach o na mairbh.

Thubhairt Iosa rithe, Nach dubhairt mi riut, ma chreideas tu, gum faic thu glòir Dhè?

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a ghabhas ri neach sam bith a chuireas mise uam, gabhaidh e riumsa; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi.

Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna.

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?

Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan