Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich na Lèbhithich de chloinn nan Cohatach, agus de chloinn nan Corhach, suas a mholadh an Tighearna Dia Israeil le guth mòr, gu h‑àrd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Eadhon maille riùsan Heman agus Iedutun le trompaidean, agus le ciombalan, a’ dèanamh fuaim, agus le innealan-ciùil Dhè: agus bha mic Iedutuin nan dorsairean.

Aspah an ceann, agus na dhèidh-san Sechariah, an sin Ieiel, agus Semiramot, agus Ieheil, agus Matitiah, agus Eliab, agus Benaiah, agus Obed-edom; agus Ieiel le saltairean agus clàrsaichean; agus Asaph le ciombalan a’ dèanamh fuaim:

Agus ceithir mìle nan dorsairean; agus ceithir mìle a’ cliùthachadh an Tighearna leis na h‑innealan a rinn Daibhidh gu cliùthachadh.

Agus chrom Iehosaphat a cheann, le a aghaidh gu làr; agus thuit Iùdah uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, sìos am fianais an Tighearna, a’ dèanamh adhraidh don Tighearna.

Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Thecòa: agus nuair a bha iad a’ dol a‑mach, sheas Iehosaphat agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Creidibh anns an Tighearna ur Dia, agus daingnichear sibh; creidibh a fhàidhean, agus soirbhichidh sibh.

Agus bha iad mar aon a’ dèanamh fuaim le trompaidean, agus a’ seinn, a thoirt air aon ghuth a bhith air a chluinntinn a mholadh agus a thoirt buidheachais don Tighearna. Ach nuair a thog iad suas an guth leis na trompaidean, agus na ciombalan, agus na h‑innealan-ciùil, agus a bha iad a’ moladh an Tighearna, a chionn gu bheil e math, a chionn gum mair a thròcair gu bràth; an sin lìonadh an taigh le neul, taigh an Tighearna.

An sin dh’èirich air cheuman nan Lèbhitheach, Iesua, agus Bani, Cadmiel, Sebaniah, Buni, Serebiah, Bani, agus Chenani, agus ghlaodh iad le guth àrd ris an Tighearna an Dia.

A Dhè, le ar cluasan chuala sinn, dh’innis ar n‑athraichean dhuinn an obair a rinn thu nan làithean-san, anns na làithean o shean.

Cluinnibh seo, a shlòigh uile, èisdibh, sibhse uile luchd-àiteachaidh an domhain,

Seinnibh gu h‑ait do Dhia ar neart; togaibh iolach to Dhia Iàcoib.

Agus mic Chorah: Asir, agus Elcanah, agus Abiasaph; is iad sin teaghlaichean nan Corhach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan