A‑màireach rachaibh sìos nan aghaidh: feuch, tha iad a’ teachd a‑nìos rathad uchdach Shids; agus gheibh sibh iad aig ceann an t‑srutha, fa chomhair fàsach Ierueil.
Agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah uile, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus thusa a rìgh Iehosaphait: Mar seo tha an Tighearna ag ràdh ribh, Na biodh eagal no faitcheas oirbh airson an t‑sluaigh mhòir seo; oir cha leibhse an cath, ach le Dia.
Cha bhi cath agaibh ra chur an seo; a‑mhàin thigibh an làthair, seasaibh, agus faicibh saorsa an Tighearna maille ribh, a Iùdah, agus a Ierusaleim: na biodh eagal no faitcheas oirbh; a‑màireach rachaibh a‑mach nan aghaidh, agus bidh an Tighearna maille ribh.
Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na biodh eagal ort romhpa; oir a‑màireach, mun àm seo, bheir mise suas iad uile marbh am fianais Israeil: gearraidh tu iosgaidean an each, agus loisgidh tu an carbadan le teine.