Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah uile, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus thusa a rìgh Iehosaphait: Mar seo tha an Tighearna ag ràdh ribh, Na biodh eagal no faitcheas oirbh airson an t‑sluaigh mhòir seo; oir cha leibhse an cath, ach le Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, thàinig fàidh àraidh gu Ahab rìgh Israeil agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Am faca tusa an sluagh mòr seo uile? Feuch, bheir mise ad làimh iad an‑diugh, agus bidh fhios agad gur mise an Tighearna.

A‑màireach rachaibh sìos nan aghaidh: feuch, tha iad a’ teachd a‑nìos rathad uchdach Shids; agus gheibh sibh iad aig ceann an t‑srutha, fa chomhair fàsach Ierueil.

Agus dh’amhairc, agus dh’èirich mi, agus thubhairt mi ris na h‑àrd-uaislean, agus ris an luchd-riaghlaidh, agus ris a’ chuid eile den t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh romhpa: cuimhnichibh an Tighearna mòr agus uamhasach, agus cogaibh airson ur bràithrean, ur mac, agus ur nigheanan, ur ban, agus ur taighean.

Thionndaidh mi, agus chunnaic mi fon ghrèin nach ann do na daoine luatha a tha an rèis, no do na daoine treuna an cath, no do na daoine glice aran, no do dhaoine tuigseach saoibhreas, no do dhaoine eòlach deagh-ghean, ach gun tachair àm agus tuiteamas dhaibh uile:

Agus thubhairt Isaiah riu, Mar seo their sibh ri ur tighearna, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Na biodh eagal ort airson nam briathran a chuala tu, leis an tug òglaich rìgh Asiria masladh dhòmhsa.

Nuair a thèid thu a‑mach gu cath an aghaidh do naimhdean, agus a chì thu eich agus carbadan, agus sluagh as lìonmhoire na thu fhèin, na biodh eagal ort romhpa: oir tha an Tighearna do Dhia maille riut, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit.

Oir tha an Tighearna ur Dia a’ dol maille ribh, a chogadh air ur son an aghaidh ur naimhdean, a‑chum ur tèarnadh.

Bithibh làidir, agus biodh deagh mhisneach agaibh, na biodh eagal oirbh, agus na gabhaibh geilt romhpa: oir is e an Tighearna do Dhia e fhèin a thèid leat; cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu.

Agus thèid an Tighearna e fhèin romhad; bidh esan maille riut, cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu: na gabh eagal, agus na biodh geilt ort.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na biodh eagal ort romhpa; oir a‑màireach, mun àm seo, bheir mise suas iad uile marbh am fianais Israeil: gearraidh tu iosgaidean an each, agus loisgidh tu an carbadan le teine.

Agus sheas iad, gach duine na àite fhèin, mu thimcheall a’ champa: agus bhriseadh am feachd uile, agus ghlaodh iad, agus theich iad.

Agus bidh fhios aig a’ choitheanal seo uile nach ann le claidheamh no le sleagh a shaoras an Tighearna: oir is leis an Tighearna an cath, agus bheir e sibhse dar làimh-ne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan