Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Feuch a‑nis, mar a tha iad a’ toirt luigheachd dhuinn, le teachd gus ar tilgeadh a‑mach as d’oighreachd, a thug thu dhuinn ra sealbhachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd-sa bheir mise am fearann seo: agus thog e an sin altair don Tighearna, a dh’fhoillsicheadh dha.

Agus nuair a chaidh iad a‑mach as a’ bhaile, agus gun iad fhathast fada o làimh, thubhairt Iòseph ri fear-riaghlaidh a thaighe, Eirich, lean na daoine; agus nuair a bheireas tu orra, abair riu, Carson a dhìol sibh olc an èirig maith?

O ar Dia, nach toir thu breith orra? Oir chan eil neart againne an aghaidh an t‑sluaigh mhòir seo a tha a’ teachd oirnn: agus chan eil fhios againn ciod a nì sinn; ach ortsa tha ar sùilean.

Dhìol iad dhomh olc an èirig maith, a’ cur romhpa mo bheatha a thoirt uam.

Ma dh’ìoc mi olc don fhear a bha an sìth rium, no ma rinn mi fòirneart airsan a bha na eascaraid dhomh gun adhbhar,

Ge bè dh’ìocas olc airson maith, cha dealaich olc ra thaigh.

An dìolar olc airson maith? Gu cinnteach chladhaich iad sloc airson m’anama. Cuimhnich cionnas a sheas mi ann ad fhianais, a dhèanamh eadar-ghuidhe a‑chum an leas, a thionndadh do chorraich air falbh uapa.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Edoim, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do ruaig e a bhràthair leis a’ chlaidheamh, agus gun do thilg e uaithe a h‑uile iochd, agus gun do reub a fhearg a‑ghnàth, agus gun do ghlèidh e a chorraich an còmhnaidh.

A dh’fhuadachadh a‑mach chinneach romhad, as mò agus as cumhachdaiche na thusa, gud thoirt-sa a‑steach a thoirt dhut am fearainn na oighreachd, mar air an là‑an‑diugh.

Bi làidir, agus ro‑mhisneachail; oir don t‑sluagh seo roinnidh tu mar oighreachd an tìr a mhionnaich mi dan athraichean a thabhairt dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan