Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑nis, feuch, clann Amoin, agus Mhòaib, agus sliabh Sheir; cha do leig thu le Israel dol tron crìochan, nuair a thàinig iad à tìr na h‑Eiphit, ach thionndaidh iad uapa, agus cha do sgrios iad iad;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus an dèidh nan nithean seo thàinig clann Mhòaib, agus clann Amoin, agus maille riu cuid de na h‑Edomaich, an aghaidh Iehosaphait gu cath.

Agus nuair a thòisich iad air seinn agus air moladh, chuir an Tighearna luchd feall-fhalaich an aghaidh chloinn Amoin, agus Mhòaib, agus sliabh Sheir, a thàinig an aghaidh Iùdah; agus bhuaileadh iad:

Pàilleanan Edoim agus na h‑Ismaelich, Mòab agus na Hàgaraich,

Gebal agus Amon agus Amalec, na Philistich maille ri luchd-àiteachaidh Thìruis;

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Edoim, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do ruaig e a bhràthair leis a’ chlaidheamh, agus gun do thilg e uaithe a h‑uile iochd, agus gun do reub a fhearg a‑ghnàth, agus gun do ghlèidh e a chorraich an còmhnaidh.

Agus nuair a thig thu am fagas thall fa chomhair chloinn Amoin, na buin gu naimhdeil riu, cha mhò a bheanas tu riu: oir cha toir mi dhut sealbh sam bith de fhearann chloinn Amoin, a chionn gun tug mi e do chloinn Lot mar sheilbh.

Agus thubhairt an Tighearna rium, Na buin gu naimhdeil ris na Mòabaich, agus na dèan strì riu ann an cath: oir cha toir mi dhut a’ bheag dem fearann mar sheilbh, a chionn gun tug mi Ar do chloinn Lot mar sheilbh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan