Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 20:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an dèidh nan nithean seo thàinig clann Mhòaib, agus clann Amoin, agus maille riu cuid de na h‑Edomaich, an aghaidh Iehosaphait gu cath.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig iadsan a tha sgrìobhte air an ainm, ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus bhuail iad am bùthan, agus na h‑ionadan-còmhnaidh a fhuaireadh an sin, agus chuir iad as dhaibh gu tur gus an là‑an‑diugh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite; a chionn gu robh ionaltradh an sin dan treudan.

Agus bha aig Asa armailt de dhaoine a dh’iomchair sgiath agus sleagh, à Iùdah trì cheud mìle, agus à Beniàmin, a dh’iomchair targaid agus a tharraing bogha dà cheud agus ceithir fichead mìle; iad sin uile nan daoine treuna gaisgeil.

Agus, feuch, tha Amariah an t‑àrd-shagart os ur cionn ann an uile ghnothaichean an Tighearna; agus Sebadiah mac Ismaeil na cheannard air taigh Iùdah ann an uile ghnothaichean an rìgh; agus na Lèbhithich nan luchd-riaghlaidh nur fianais. Bithibh misneachail, agus dèanaibh; agus bidh an Tighearna maille ris a’ mhath.

Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear-seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna.

Agus shuidhich e britheamhan anns an tìr, air feadh uile bhailtean daingnichte Iùdah, anns gach baile fa leth.

Agus a‑nis, feuch, clann Amoin, agus Mhòaib, agus sliabh Sheir; cha do leig thu le Israel dol tron crìochan, nuair a thàinig iad à tìr na h‑Eiphit, ach thionndaidh iad uapa, agus cha do sgrios iad iad;

Agus chuidich Dia leis an aghaidh nam Philisteach, agus an aghaidh nan Arabach a bha nan còmhnaidh ann an Gur-bàal, agus nan Amonach.

An dèidh nan nithean seo agus nuair a bha iad air an suidheachadh, thàinig Senacherib rìgh Asiria, agus chaidh e a‑steach do Iùdah, agus champaich e an aghaidh nam bailtean daingnichte, agus shònraich e air an cosnadh dha fhèin.

Chuala sinn uabhar Mhòaib; tha e ro‑uaibhreach; a àrdan, agus a uaill, agus a fhearg; ach chan eil a spionnadh da rèir.

Ann an làithean Ahais mhic Iotaim, mhic Usiah, rìgh Iùdah, chaidh Resin rìgh Shiria, agus Pecah mac Remaliah rìgh Israeil, suas do Ierusalem, a chogadh na h‑aghaidh, ach cha b’urrainn iad buadhachadh oirre.

O Thighearna, cronaich mi, ach ann an tomhas; chan ann ad chorraich, air eagal gun cuir thu as dhomh.

Mu thimcheall nan Amonach. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Nach eil mic idir aig Israel? Nach eil oighre sam bith aige? Cuime a bheil sealbh aig Milcom air Gad, agus a shluagh a chòmhnaidh na bhailtean?

A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan