Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 2:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Eadhon a dheasachadh dhomh fiodha ann am pailteas; oir bidh an taigh a tha mise gus a thogail mòr agus iongantach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus an taigh seo a bha cho àrd, gach neach a ghabhas seachad air, bidh ioghnadh air, agus nì e sgeig; agus their iad, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris an tìr seo, agus ris an taigh seo?

Agus, feuch, bheir mi dod sheirbhisich, na gearradairean a ghearras fiodh, fichead mìle tomhas de chruithneachd buailte, agus fichead mìle tomhas eòrna, agus fichead mìle bat fìona, agus fichead mìle bat ola.

Agus bidh an taigh a thogas mise mòr: oir is mòr ar Dia-ne os cionn nan uile dhiathan.

Cuir am ionnsaigh mar an ceudna craobhan seudair, craobhan giuthais, agus craobhan alguim o Lebanon: oir tha fhios agam gu bheil do sheirbhisich eòlach air fiodh a ghearradh ann an Lebanon: agus, feuch, bidh mo sheirbhisich-sa maille rid sheirbhisich-sa,

Agus an taigh seo a bha cho àrd, bidh iongantas air gach neach a thèid seachad air, agus their e, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris an tìr seo, agus ris an taigh seo?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan