Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 2:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cuir am ionnsaigh mar an ceudna craobhan seudair, craobhan giuthais, agus craobhan alguim o Lebanon: oir tha fhios agam gu bheil do sheirbhisich eòlach air fiodh a ghearradh ann an Lebanon: agus, feuch, bidh mo sheirbhisich-sa maille rid sheirbhisich-sa,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus mar an ceudna luingeas Hiraim a ghiùlain òr o Ophir, thug i o Ophir ro‑mhòran de fhiodh almuig, agus clachan luachmhor.

A‑nis uime sin, àithn thusa gun geàrr iad dhòmhsa craobhan seudair à Lebanon; agus bidh mo sheirbhisich-sa maille rid sheirbhisich-sa: agus tuarasdal do sheirbhiseach bheir mise dhut, a rèir gach nì a dh’ainmicheas tu: oir tha fhios agad nach eil nar measg-ne duine don aithne fiodh a ghearradh mar na Sìdonaich.

Agus thubhairt Daibhidh, Tha Solamh mo mhac òg agus maoth; agus an taigh a tha ri thogail don Tighearna, is còir a dhèanamh mòr agus àrd, a‑chum gum bi e ainmeil, agus na adhbhar uaill air feadh gach uile thìr: uime sin ullaichidh mise fa chomhair. Agus dh’ullaich Daibhidh gu pailt ro a bhàs.

Eadhon a dheasachadh dhomh fiodha ann am pailteas; oir bidh an taigh a tha mise gus a thogail mòr agus iongantach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan