Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 2:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cò as urrainn taigh a thogail dha, nuair nach cùm na nèamhan, no nèamhan nan nèamh, e? Agus cò mise gun togainn dha taigh, ach a‑mhàin a losgadh ìobairtean na fhianais?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

An sin chaidh rìgh Daibhidh a‑steach, agus shuidh e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhè, agus ciod e mo thaigh, gun tug thu mi gu ruige seo?

Agus chuir rìgh Solamh fios, agus thug e Hiram o Thìrus.

Bu mhac bantraich e de threubh Naphtali, agus b’fhear o Thìrus a athair, ceàrd-umha; agus bha e làn de ghliocas, agus de thuigse, agus de eòlas a dhèanamh gach obrach ann an umha: agus thàinig e a dh’ionnsaigh rìgh Solamh, agus rinn e a obair uile.

Ach an gabh Dia da‑rìribh còmhnaidh air an talamh? Feuch, cha chùm na nèamhan agus nèamhan nan nèamh thusa; cia mòr as lugha na sin an taigh seo a thog mise?

Mar an ceudna tha luchd-obrach am pailteas agad, snaidheadairean agus luchd-saothrach cloiche agus fiodha, agus gach uile ghnè dhaoine tùrail fa chomhair gach gnè obrach.

Ach cò mise, agus ciod iad mo shluagh, gum biodh e nar comas tabhartasan a thoirt seachad cho toileach air an dòigh seo? Oir is ann uatsa a tha na h‑uile nithean, agus is ann ded chuid fhèin a thug sinn dhut:

Thoir dhomh a‑nis gliocas agus eòlas, a‑chum gun tèid mi a‑mach agus gun tig mi a‑steach ron t‑sluagh seo: oir cò as urrainn breith a thabhairt air do shluagh seo a tha cho mòr?

Ach an gabh Dia da‑rìribh còmhnaidh maille ri daoine air an talamh? Feuch, cha chùm na nèamhan agus nèamhan nan nèamh thusa; cia as ro‑lugha na sin an taigh seo a thog mise?

Agus thubhairt Maois ri Dia, Cò mise, gun rachainn a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus gun tugainn a‑mach clann Israeil as an Eiphit?

Agus ann an gearradh chlach a‑chum an ceangal, agus ann an gearradh fiodha, a dh’obrachadh anns gach uile ghnè obrach.

Mar seo deir an Tighearna, Is iad na nèamhan mo rìgh-chathair, agus an talamh stòl mo chas; cia e an taigh a thogas sibh dhòmhsa? Agus cia e ionad mo chòmhnaidh?

Am faod neach air bith e fhèin fhalach ann an ionadan diamhair, air chor is nach faic mise e? deir an Tighearna. Nach eil mise a’ lìonadh nan nèamhan agus na talmhainn? deir an Tighearna.

Don aon dream tha sinn nar boltrach bàis a‑chum bàis; agus don dream eile, nar boltrach beatha a‑chum beatha: agus cò a tha foghainteach a‑chum nan nithean seo?

Dhòmhsa, as lugha na an tì as lugha de na naoimh uile, thugadh an gràs seo, saoibhreas Chrìosd, nach faodar a rannsachadh, a shearmonachadh am measg nan Cinneach;

An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.

Ach anns an àit a thaghas an Tighearna as aon ded threubhan, an sin ìobraidh tu d’ìobairtean-loisgte, agus an sin nì thu na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhut.

A‑mhàin gabhaidh tu do nithean naomha a tha agad, agus do bhòidean, agus thèid thu don àit a thaghas an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan