2 Eachdraidh 2:4Am Bìoball Gàidhlig 1992Feuch, tha mi gu taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, a‑chum a choisrigeadh dha, gu tùis chùbhraidh a losgadh na fhianais, agus airson an arain thaisbeanta bhith-bhuain, agus airson ìobairtean-loisgte air madainn agus air feasgar, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air àrd-fhèillean an Tighearna ar Dia: gu bràth tha seo ceangailte air Israel. Faic an caibideil |
Agus tha iad a’ losgadh don Tighearna ìobairtean-loisgte air gach madainn agus air gach feasgar, agus tùis chùbhraidh; agus tha aran na fianais air a’ bhòrd fhìorghlan, agus an coinnleir òir maille ra lòchrain a’ lasadh air gach feasgar: oir tha sinne a’ gleidheadh cùram an Tighearna ar Dia; ach thrèig sibhse e.
Airson an arain thaisbeanta, agus airson an tabhartas-bhìdh ghnàthaichte, agus airson ìobairt-loisgte ghnàthaichte nan sàbaid agus nan gealach nodha, airson nam fèill suidhichte, agus airson nan nithean naomha, agus airson nan ìobairt-pheacaidh, a dhèanamh rèite airson Israeil, agus airson uile obair taigh ar Dè.