Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 2:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’àireamh Solamh a‑mach deich agus trì-fichead mìle fear-iomchair eallach, agus ceithir fichead mìle fear-gearraidh anns a’ bheinn, agus trì mìle agus sia ceud a shealltainn thairis orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

A‑nis chuir Hiram rìgh Thìruis teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus clachairean, agus saoir, a thogail taighe dha.

Agus rinn e trì-fichead agus deich mìle dhiubh nan luchd-iomchair eallach, agus ceithir-fichead mìle nan gearradairean anns an t‑sliabh, agus trì mìle agus sia ceud nan luchd-amhairc-thairis a thoirt air an t‑sluagh obair a dhèanamh.

Agus thubhairt na h‑uachdarain riu, Leigibh leo a bhith beò; ach biodh iad nan luchd-gearraidh fiodha, agus nan luchd-tarraing uisge don cho-chruinneachadh uile, mar a gheall na h‑uachdarain dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan