Agus gearraidh sinne fiodh à Lebanon, a rèir gach feum a bhios agad; agus bheir sinn ad ionnsaigh e na ràthan air muir gu Iopa; agus bheir thusa suas e gu Ierusalem.
Agus dh’àithn Daibhidh na coigrich a bha ann am fearann Israeil a chruinneachadh an ceann a chèile; agus chuir e clachairean a ghearradh chlach snaidhte a thogail taigh Dhè.
Agus rinn coitheanal Iùdah uile gàirdeachas, agus na sagartan, agus na Lèbhithich, agus an coitheanal uile a thàinig à Israel, agus na coigrich a thàinig à tìr Israeil, agus a bha a chòmhnaidh ann an Iùdah.
A‑thaobh an t‑sluaigh uile a dh’fhàgadh de na Hitich, agus de na h‑Amoraich, agus de na Peridsich, agus de na Hibhich, agus de na h‑Iebusaich, nach robh de Israel,
Ach thug iad airgead do na snaidheadairean agus don luchd-ceàirde; agus biadh, agus deoch, agus ola do na Sìdonaich agus do na Tìoraich, a‑chum gun tugadh iad fiodh seudair o Lebanon gu muir Iopa, a rèir a’ chomais a fhuair iad o Chìrus rìgh Phersia.
Ach dh’èirich Ionah suas gu teicheadh do Tharsis o fhianais an Tighearna; agus chaidh e sìos gu Iopa; agus fhuair e long a’ dol gu Tarsis, agus phàigh e an luach-aisig, agus chaidh e sìos innte, gu dol leo gu Tarsis, o làthair an Tighearna.
Uime sin cuir gu Iopa, agus cuir fios air Sìmon, don co‑ainm Peadar; tha e air aoidheachd ann an taigh Shìmoin, fear-deasachaidh leathair, làimh ris a’ mhuir; neach, nuair a thig e, a labhras riut.
A‑nis bha ban-deisciobal àraidh ann an Iopa dom b’ainm Tabita, is e sin, air eadar-theangachadh, Dorcas: bha a’ bhean seo làn de dheagh obraichean, agus de dhèircean a rinn i.
Agus air do Lida a bhith fagas do Iopa, agus air cluinntinn do na deisciobail gu robh Peadar an sin, chuir iad dithis dhaoine da ionnsaigh, a’ guidhe air a theachd dan ionnsaigh gun dàil.
Agus rinn Iosua iad anns an là sin fhèin nan luchd-gearraidh fiodha, agus nan luchd-tarraing uisge don cho-chruinneachadh agus do altair an Tighearna, eadhon gus an là‑an‑diugh, anns an ionad a roghnaicheadh.