Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 2:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis air an adhbhar sin an cruithneachd, agus an t‑eòrna, an ola, agus am fìon, air an do labhair mo thighearna, cuireadh e iad a dh’ionnsaigh a sheirbhiseach:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thug Solamh do Hiram fichead mìle tomhas cruithneachd mar lòn da theaghlach, agus fichead tomhas de ola fhìorghlain: mar seo thug Solamh do Hiram o bhliadhna gu bliadhna.

Agus, feuch, bheir mi dod sheirbhisich, na gearradairean a ghearras fiodh, fichead mìle tomhas de chruithneachd buailte, agus fichead mìle tomhas eòrna, agus fichead mìle bat fìona, agus fichead mìle bat ola.

Agus gearraidh sinne fiodh à Lebanon, a rèir gach feum a bhios agad; agus bheir sinn ad ionnsaigh e na ràthan air muir gu Iopa; agus bheir thusa suas e gu Ierusalem.

Ach thug iad airgead do na snaidheadairean agus don luchd-ceàirde; agus biadh, agus deoch, agus ola do na Sìdonaich agus do na Tìoraich, a‑chum gun tugadh iad fiodh seudair o Lebanon gu muir Iopa, a rèir a’ chomais a fhuair iad o Chìrus rìgh Phersia.

Thig glòir Lebanoin ad ionnsaigh, an giuthas, an gall-ghiuthas, agus an crann-bocsa le chèile; a chur maise air mo naomh-ionad-sa, agus a‑chum gun glòraichinn àite mo chas.

Ach dh’èirich Ionah suas gu teicheadh do Tharsis o fhianais an Tighearna; agus chaidh e sìos gu Iopa; agus fhuair e long a’ dol gu Tarsis, agus phàigh e an luach-aisig, agus chaidh e sìos innte, gu dol leo gu Tarsis, o làthair an Tighearna.

Agus Me‑iarcon, agus Racon, maille ris a’ chrìch fa chomhair Iapho.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan