Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 2:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑nis chuir mi ad ionnsaigh duine eòlach, aig a bheil tuigse, a bha aig Huram m’athair;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus chuir rìgh Solamh fios, agus thug e Hiram o Thìrus.

Thubhairt Huram mar an ceudna, Beannaichte gu robh an Tighearna Dia Israeil a rinn nèamh agus talamh, a thug do Dhaibhidh an rìgh mac glic, aig a bheil eòlas agus tuigse, a thogadh taigh don Tighearna, agus taigh da rìoghachd.

Mac mnà de nigheanan Dhain, agus a athair na dhuine o Thìrus, teòma air obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, ann an umha, ann an iarann, ann an cloich, agus ann am fiodh, ann an corcar, ann an gorm, agus ann an anart grinn, agus ann an dearg; agus air gearradh gach gnè gearraidh, agus air dealbhadh gach nì innleachdaich a chuirear fa chomhair, maille rid dhaoine ealanta-sa, agus daoine ealanta mo thighearna, Daibhidh d’athair.

A‑nis matà cuir am ionnsaigh duine, teòma air obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha, agus ann an iarann, agus ann an corcar, agus ann an dearg, agus ann an gorm, agus a tha eòlach air gearradh gu grinn maille ris na daoine ealanta a tha maille riumsa ann an Iùdah, agus ann an Ierusalem, a sholair Daibhidh m’athair.

Agus na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na greimichean feòla, agus an uidheam uile, rinn Huram do rìgh Solamh ann an taigh an Tighearna de umha lìomhte.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan