Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 2:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Huram rìgh Thìruis ann an sgrìobhadh, a chuir e a dh’ionnsaigh Sholaimh, A chionn gu bheil gràdh aig an Tighearna da shluagh, rinn e thusa ad rìgh os an cionn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Anns an toiseach chruthaich Dia na nèamhan agus an talamh.

Guma beannaichte an Tighearna do Dhia, a ghabh tlachd annad gud chur air rìgh-chathair Israeil: a chionn gu bheil gràdh aig an Tighearna do Israel gu bràth, uime sin rinn e thusa ad rìgh, a dhèanamh breitheanais agus ceartais.

Guma beannaichte an Tighearna do Dhia a ghabh tlachd annad gu do chur air a rìgh-chathair, gu bhith ann ad rìgh airson an Tighearna do Dhia: a chionn gun do ghràdhaich do Dhia Israel, a‑chum an daingneachadh gu bràth, uime sin rinn e thusa ad rìgh os an cionn, a dhèanamh breitheanais agus ceartais.

Bidh a ainm-san buan gu sìorraidh; co‑mhaireann ris a’ ghrèin bidh a ainm-san; agus annsan beannaichear na slòigh uile, agus beannaichidh iadsan e.

Oir is toigh leis ar cinneach-ne, agus thog esan dhuinn sionagog.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan