Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 2:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus, feuch, bheir mi dod sheirbhisich, na gearradairean a ghearras fiodh, fichead mìle tomhas de chruithneachd buailte, agus fichead mìle tomhas eòrna, agus fichead mìle bat fìona, agus fichead mìle bat ola.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thug Solamh do Hiram fichead mìle tomhas cruithneachd mar lòn da theaghlach, agus fichead tomhas de ola fhìorghlain: mar seo thug Solamh do Hiram o bhliadhna gu bliadhna.

Agus bha leud boise air tiughad innte, agus bha a bile air a dhèanamh mar bhile cupain, le blàthan lilidh: chùm i dà mhìle bat.

Agus rinn e deich soithichean-ionnlaid umha: chumadh gach soitheach-ionnlaid dhiubh dà‑fhichead bat: bha ceithir làmhan-coille anns gach soitheach-ionnlaid: chuireadh aon soitheach-ionnlaid air gach aon de na deich buinn.

Agus dh’aithnich Daibhidh gun do dhaingnich an Tighearna e na rìgh air Israel, agus gun d’àrdaicheadh gu mòr a rìoghachd airson a shluaigh Israel.

A‑nis air an adhbhar sin an cruithneachd, agus an t‑eòrna, an ola, agus am fìon, air an do labhair mo thighearna, cuireadh e iad a dh’ionnsaigh a sheirbhiseach:

Eadhon a dheasachadh dhomh fiodha ann am pailteas; oir bidh an taigh a tha mise gus a thogail mòr agus iongantach.

Guma beannaichte an Tighearna do Dhia a ghabh tlachd annad gu do chur air a rìgh-chathair, gu bhith ann ad rìgh airson an Tighearna do Dhia: a chionn gun do ghràdhaich do Dhia Israel, a‑chum an daingneachadh gu bràth, uime sin rinn e thusa ad rìgh os an cionn, a dhèanamh breitheanais agus ceartais.

Ach thug iad airgead do na snaidheadairean agus don luchd-ceàirde; agus biadh, agus deoch, agus ola do na Sìdonaich agus do na Tìoraich, a‑chum gun tugadh iad fiodh seudair o Lebanon gu muir Iopa, a rèir a’ chomais a fhuair iad o Chìrus rìgh Phersia.

Gu ruig ceud tàlann airgid, agus gu ruig ceud tomhas cruithneachd, agus gu ruig ceud bat fìona, agus gu ruig ceud bat ola, agus salann gun àireamh.

Agus fanaibh anns an taigh sin, ag ithe agus ag òl nan nithean a bheirear dhuibh: oir is airidh am fear-obrach air a thuarasdal. Na rachaibh o thaigh gu taigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan