Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 19:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug e sparradh dhaibh, ag ràdh, Mar seo nì sibh ann an eagal an Tighearna, ann an ionracas, agus le cridhe iomlan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Thubhairt Dia Israeil, labhair carraig Israeil riumsa: Bidh esan a riaghlas os cionn dhaoine cearta a’ riaghladh ann an eagal Dhè:

Oir tha sùilean an Tighearna ag amharc a‑null agus a‑nall air feadh na talmhainn uile, a‑chum e fhèin a nochdadh làidir as an leth-san, aig a bheil cridhe iomlan da thaobh. Rinn thu gu h‑amaideach an seo; air an adhbhar sin o seo a‑mach bidh cogadh ad aghaidh.

Agus ge bè cùis a thig dur n‑ionnsaigh o ur bràithrean a tha a chòmhnaidh nam bailtean, eadar fuil agus fuil, eadar lagh agus àithne, reachdan agus breitheanais, bheir sibh rabhaidh dhaibh nach dèan iad easaontas an aghaidh an Tighearna, agus gun tig fearg oirbhse agus air ur bràithrean: dèanaibh mar seo, agus cha chiontaich sibh.

A‑nis, matà, biodh eagal an Tighearna oirbh: thugaibh an aire agus bithibh a’ dèanamh; oir maille ris an Tighearna ar Dia chan eil euceart, no bàidh ri neach seach a chèile, no gabhail duaise.

Agus mar an ceudna ann an Ierusalem shuidhich Iehosaphat cuid de na Lèbhithich, agus de na sagartan, agus de chinn-theaghlach Israeil, airson breitheanas an Tighearna, agus gu connsachadh a chrìochnachadh nuair a thill iad gu Ierusalem.

Feuch, rìoghaichidh rìgh ann am fìreantachd, agus riaghlaidh uachdarain ann am breitheanas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan