Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 19:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mar an ceudna ann an Ierusalem shuidhich Iehosaphat cuid de na Lèbhithich, agus de na sagartan, agus de chinn-theaghlach Israeil, airson breitheanas an Tighearna, agus gu connsachadh a chrìochnachadh nuair a thill iad gu Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Dhiubh sin bha ceithir-mìle-fichead gu obair taigh an Tighearna a chur air a h‑aghaidh, agus sia mìle nan luchd-riaghlaidh agus nam britheamhan:

De na h‑Idsaraich, bha Chenaniah agus a mhic fa chomhair nan gnothaichean on leth a‑muigh os cionn Israeil, nan luchd-riaghlaidh agus nam britheamhan.

Agus, feuch, tha Amariah an t‑àrd-shagart os ur cionn ann an uile ghnothaichean an Tighearna; agus Sebadiah mac Ismaeil na cheannard air taigh Iùdah ann an uile ghnothaichean an rìgh; agus na Lèbhithich nan luchd-riaghlaidh nur fianais. Bithibh misneachail, agus dèanaibh; agus bidh an Tighearna maille ris a’ mhath.

Agus thug e sparradh dhaibh, ag ràdh, Mar seo nì sibh ann an eagal an Tighearna, ann an ionracas, agus le cridhe iomlan.

Oir an sin tha cathraichean breitheanais air an suidheachadh, cathraichean taigh Dhaibhidh.

Agus ann an còmhstri seasaidh iad ann am breitheanas; bheir iad breith air a rèir mo reachdan-sa; agus coimheadaidh iad mo lagh agus mo reachdan, ann am uile choitheanail, agus naomhaichidh iad mo shàbaidean.

Agus thig na sagartan, mic Lèbhi, am fagas; (oir iadsan thagh an Tighearna do Dhia gu frithealadh dha fhèin, agus gu beannachadh ann an ainm an Tighearna;) agus a rèir am facail-san crìochnaichear gach uile chonnsachadh, agus gach uile bhuille.

Ma bhios connsachadh eadar daoine, agus gun tig iad gu breitheanas, a‑chum is gun toir na britheamhan breith orra; an sin saoraidh iad an t‑ionracan, agus dìtidh iad an ciontach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan