2 Eachdraidh 19:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear-seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna. Faic an caibideil |
Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Tha fhathast aon fhear ann, leis am faod sinn fiosrachadh den Tighearna: ach tha fuath agam dha, oir chan eil e a’ dèanamh fàistneachd mum thimcheall idir air math, ach an còmhnaidh air olc: is e seo Micaiah, mac Imla. Agus thubhairt Iehosaphat, Na abradh an rìgh mar sin.
Agus ge bè cùis a thig dur n‑ionnsaigh o ur bràithrean a tha a chòmhnaidh nam bailtean, eadar fuil agus fuil, eadar lagh agus àithne, reachdan agus breitheanais, bheir sibh rabhaidh dhaibh nach dèan iad easaontas an aghaidh an Tighearna, agus gun tig fearg oirbhse agus air ur bràithrean: dèanaibh mar seo, agus cha chiontaich sibh.
Agus sheas iad an aghaidh Udsiah an rìgh, agus thubhairt iad ris, Cha bhuin e dhutsa, Udsiah, tùis a losgadh don Tighearna, ach do na sagartan, mic Aaroin, a tha air an naomhachadh a losgadh tùise: imich a‑mach as an ionad naomh, oir pheacaich thu, agus cha bhi e dhut a‑chum urraim on Tighearna Dia.