2 Eachdraidh 18:8Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus ghairm rìgh Israeil aon de a mhaoir, agus thubhairt e, Greas an seo Micaiah mac Imla. Faic an caibideil |
Agus chruinnich Daibhidh gu Ierusalem uile cheannardan Israeil, ceannardan nan treubh, agus ceannardan nan roinnean a bha a’ frithealadh don rìgh, agus na ceannardan mhìltean, agus na ceannardan cheud, agus an luchd-riaghlaidh os cionn uile mhaoin agus sprèidh an rìgh agus a mhac, leis an luchd-dreuchd, agus na daoine cumhachdach, agus na daoine gaisgeil uile.
Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Tha fhathast aon fhear ann, leis am faod sinn fiosrachadh den Tighearna: ach tha fuath agam dha, oir chan eil e a’ dèanamh fàistneachd mum thimcheall idir air math, ach an còmhnaidh air olc: is e seo Micaiah, mac Imla. Agus thubhairt Iehosaphat, Na abradh an rìgh mar sin.