Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 18:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Tha fhathast aon fhear ann, leis am faod sinn fiosrachadh den Tighearna: ach tha fuath agam dha, oir chan eil e a’ dèanamh fàistneachd mum thimcheall idir air math, ach an còmhnaidh air olc: is e seo Micaiah, mac Imla. Agus thubhairt Iehosaphat, Na abradh an rìgh mar sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic Ahab Eliah, thubhairt Ahab ris, An tusa esan a tha a’ cur Israeil fo bhuaireas?

Oir nuair a thug Iesebel fa‑near fàidhean an Tighearna a ghearradh as, ghabh Obadiah ceud fàidh, agus dh’fhalaich e iad nan lethcheudan ann an uaimh, agus bheathaich e iad le aran agus uisge:)

Agus thubhairt esan, Bha mi ro‑eudmhor airson an Tighearna, Dia nan slògh: oir thrèig clann Israeil do choicheangal, thilg iad sìos d’altairean, agus mharbh iad d’fhàidhean leis a’ chlaidheamh; agus dh’fhàgadh mise a‑mhàin, agus tha iad ag iarraidh m’anama, a‑chum a thoirt air falbh.

Agus thubhairt Ahab ri Eliah, An d’fhuair thu mi, O mo nàmhaid? Agus thubhairt esan, Fhuair mi thu; a chionn gun do reic thu thu fhèin a dhèanamh uilc ann an sùilean an Tighearna.

Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Tha fhathast aon fhear ann, Micaiah mac Imlah, leis an faod sinn fiosrachadh den Tighearna; ach tha fuath agam dha, oir cha mhath a chuireas e air mo mhanadh-sa, ach olc. Agus thubhairt Iehosaphat, Na abradh an rìgh mar sin.

Agus nuair a chunnaic Ioram Iehu, thubhairt e, An e sìth a tha ann, a Iehu? Agus thubhairt esan, Ciod an t‑sìth, fhad is a bhios strìopachas Iesebeil, do mhàthair, agus a draoidheachdan cho lìonmhor?

Agus thubhairt Micaiah, Mar as beò an Tighearna, eadhon an nì a their mo Dhia, sin labhraidh mise.

Agus thubhairt Iehosaphat, Nach eil an seo fàidh tuilleadh leis an Tighearna a‑chum gum fiosraich sinn dheth?

Agus ghairm rìgh Israeil aon de a mhaoir, agus thubhairt e, Greas an seo Micaiah mac Imla.

Marbhaidh olc na h‑aingidh; agus iadsan a tha a’ toirt fuath don fhìrean, lom-sgriosar iad.

Airson guth m’eascaraid, airson fòirneart an duine aingidh, oir tha iad a’ tilgeadh euceirt orm, agus ann am feirg tha iad a’ toirt fuatha dhomh.

Saor mi on làthaich, agus na racham sìos; teasairgear mi uapasan lem fuathach mi, agus o na h‑uisgeachan domhain.

Mar chluas-fhàinne òir, agus mar usgair den òr fhìorghlan, tha fear-cronachaidh glic aig cluais fhurachair.

Fuathaichidh daoine fuileachdach an duine ionraic; ach iarraidh daoine cothromach a anam.

Na cronaich fear-fochaid, air eagal gum fuathaich e thu: cronaich an duine glic, agus gràdhaichidh e thu.

A tha ag ràdh ris na fir-sheallaidh, Na faicibh; agus ris an fàidhean, Na labhraibh nithean cearta rinn ann am fàistneachd; labhraibh rinn nithean mìne; dèanaibh fàistneachd cheilge:

An sin thubhairt iad, Thigibh, agus dealbhamaid innleachdan an aghaidh Ieremiah: oir cha bhàsaich an reachd on t‑sagart, no comhairle on eagnaidh, no am facal on fhàidh. Thigibh, agus buaileamaid e leis an teangaidh, agus na tugamaid aire do aon de a bhriathran.

Air an adhbhar sin, thubhairt na h‑uachdarain ris an rìgh, Biodh an duine seo, guidheamaid ort, air a chur gu bàs: oir mar seo tha e a’ lagachadh làmhan an luchd-cogaidh a tha fhathast an làthair anns a’ bhaile seo, agus làmhan an t‑sluaigh uile, le bhith a’ labhairt an leithid seo de bhriathran riu: oir chan eil an duine seo ag iarraidh leas an t‑sluaigh seo, ach an aimhleas.

Is fuath leo esan a bheir achmhasan anns a’ gheata: agus is gràin leo esan a labhras gu h‑ionraic.

A bheil taigh Iàcoib ag ràdh, A bheil Spiorad an Tighearna air a chumhangachadh? An iad seo a ghnìomharan? Nach eil mo bhriathran-sa a’ dèanamh maith don neach a ghluaiseas gu h‑ionraic?

Agus air ball, chuir an rìgh a‑mach fear-millidh, agus dh’àithn e a cheann a thoirt a‑steach: agus dh’imich esan agus thug e an ceann dheth anns a’ phrìosan;

Is beannaichte sibh, nuair a bheir daoine fuath dhuibh, agus a chuireas iad as an cuideachd sibh, agus a bheir iad cainnt mhaslach dhuibh, agus a thilgeas iad a‑mach ur n‑ainm mar olc, airson Mac an Duine.

Mura bithinn-sa air dèanamh nan obraichean nam measg nach do rinn aon neach eile, cha bhiodh peacadh aca: ach a‑nis chunnaic iad, agus dh’fhuathaich iad araon mise agus m’Athair.

Chan eil e an comas don t‑saoghal sibhse fhuathachadh; ach fuathaichidh e mise, do bhrìgh gu bheil mi a’ toirt fianais ma thimcheall, gu bheil a obraichean olc.

Uime sin an do rinneadh nàmhaid dhuibh dhìom, airson mi a dh’innse na fìrinn dhuibh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan