2 Eachdraidh 18:6Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt Iehosaphat, Nach eil an seo fàidh tuilleadh leis an Tighearna a‑chum gum fiosraich sinn dheth? Faic an caibideil |
Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Tha fhathast aon fhear ann, leis am faod sinn fiosrachadh den Tighearna: ach tha fuath agam dha, oir chan eil e a’ dèanamh fàistneachd mum thimcheall idir air math, ach an còmhnaidh air olc: is e seo Micaiah, mac Imla. Agus thubhairt Iehosaphat, Na abradh an rìgh mar sin.