Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 18:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach mheudaich an cath air an là sin: uime sin dh’fhan rìgh Israeil suas na charbad an aghaidh nan Sirianach gu ruig am feasgar; agus fhuair e bàs mu àm dol fodha na grèine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt esan, Chunnaic mi Israel uile sgapte air na slèibhtean, mar chaoraich aig nach eil buachaille: agus thubhairt an Tighearna, Chan eil maighistir orra seo; tilleadh gach fear da thaigh fhèin ann an sìth.

Agus thubhairt an Tighearna, Cò a chuireas impidh air Ahab rìgh Israeil, a‑chum is gun tèid e suas, agus gun tuit e ann an Ramot-gilead? Agus labhair aon, ag ràdh mar seo, agus aon eile ag ràdh mar siud.

Agus thubhairt Micaiah, Ma thilleas tusa idir ann an sìth, cha do labhair an Tighearna leamsa. Agus thubhairt e, Eisdibh, a shlòigh uile.

Agus tharraing fear a bhogha air thuairmeas, agus bhuail e rìgh Israeil eadar uilt na lùirich: uime sin thubhairt e ra charbadair, Tionndaidh do làmh, agus thoir a‑mach as an fheachd mi: oir tha mi leònte.

Agus thill Iehosaphat rìgh Iùdah a dh’ionnsaigh a thaighe ann an sìth gu Ierusalem.

Leanaidh olc peacaich; ach do na fìreanan ìocar math.

An duine a nì ainneart air fuil neach sam bith, teichidh e gu ruig an sloc; na cumadh aon duine e.

Ach mura dèan sibh mar seo, feuch, pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna; agus bithibh cinnteach gum faigh ur peacadh a‑mach sibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan