2 Eachdraidh 18:31Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a chunnaic ceannardan nan carbad Iehosaphat, thubhairt iad, Is e seo rìgh Israeil: uime sin thàinig iad mun cuairt air a chogadh. Ach ghlaodh Iehosaphat a‑mach, agus chuidich an Tighearna leis, agus dh’aom Dia iad gu falbh uaithe. Faic an caibideil |
Agus ghlaodh Asa ris an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, A Thighearna, chan eil ann ach an aon chuid dhutsa cuideachadh le mòran, no leòsan a tha gun neart: cuidich leinne, a Thighearna ar Dia; oir asadsa earbaidh sinn, agus ann ad ainm-sa thèid sinn an aghaidh na mòr-chuideachd seo: a Thighearna, is tusa ar Dia: na buadhaicheadh duine ad aghaidh.
A‑nis ann an ciad bhliadhna Chìruis rìgh Phersia, a‑chum gum biodh facal an Tighearna le beul Ieremiah air a choileanadh, dhùisg an Tighearna suas spiorad Chìruis rìgh Phersia, agus thug e fa‑near gairm a bhith air a tabhairt air feadh a rìoghachd uile, agus a chur mar an ceudna ann an sgrìobhadh, ag ràdh,
A Thighearna, guidheam ort, biodh do chluas a‑nis furachair ri ùrnaigh do sheirbhisich, agus ri ùrnaigh d’òglaich, leis am miann eagal d’ainme a bhith orra: agus soirbhich, guidheam ort, led sheirbhiseach an‑diugh, agus thoir dha tròcair ann an sealladh an duine seo. A‑nis bha mise am ghille-cupain aig an rìgh.