Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 18:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis dh’àithn rìgh Shiria do cheannardan nan carbad a bha aige, ag ràdh, Na cogaibh ris a’ bheag no ris a’ mhòr, ach ri rìgh Israeil a‑mhàin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus bhuail iad na daoine a bha aig doras an taighe le doille, eadar bheag agus mhòr; ionnas gun do sgìthich iad iad fhèin ag iarraidh an dorais.

Agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun do leig thu as do làimh duine a dh’òrdaich mise gu lèirsgrios, uime sin bidh d’anam-sa airson a anama-san, agus do shluagh-sa airson a shluaigh-san.

Ach dh’àithn rìgh Shiria don dà‑cheannard-deug ar fhichead a bha os cionn a charbad, ag ràdh, Na cogaibh ris a’ bheag no ris a’ mhòr, ach ri rìgh Israeil na aonar.

Agus gun rachadh gach neach nach iarradh an Tighearna Dia Israeil a chur gu bàs, co‑dhiù bu bheag no mòr, fear no bean, e.

Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Cuiridh mise mi fhèin ann an coslas eile, agus thèid mi a‑steach don chath: ach cuir thusa d’earradh rìoghail ort. Agus chuir rìgh Israeil e fhèin ann an coslas eile, agus chaidh e a‑steach don chath.

Agus nuair a chunnaic ceannardan nan carbad Iehosaphat, thubhairt iad, Is e seo rìgh Israeil: uime sin thàinig iad mun cuairt air a chogadh. Ach ghlaodh Iehosaphat a‑mach, agus chuidich an Tighearna leis, agus dh’aom Dia iad gu falbh uaithe.

Cha bhi suim agaibh do neach seach a chèile ann am breitheanas; ris a’ bheag èisdidh sibh cho math is ris a’ mhòr; cha bhi athadh oirbh ro ghnùis dhuine, oir is le Dia a’ bhreith: agus a’ chùis a bhios ro‑chruaidh oirbh, bheir sibh am ionnsaigh-sa, agus èisdidh mise rithe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan