Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 18:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus abraibh, Mar seo thubhairt an rìgh, Cuiribh am fear seo anns a’ phrìosan, agus beathaichibh e le aran airce, agus le uisge airce, gus an till mise ann an sìth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

An sin bha fearg air Asa ris an fhear-sheallaidh, agus chuir e ann an taigh-prìosain e, a chionn gu robh e ann an corraich ris a‑thaobh an nì seo. Agus rinn Asa ainneart air cuid den t‑sluagh anns an àm sin.

Agus thubhairt an rìgh ris, Cia lìon uair a mhionnaicheas mi thu, nach innis thu dhomh ach an fhìrinn ann an ainm an Tighearna?

Tha a shlighean doilgheasach anns gach àm; tha do bhreitheanais àrd as a shealladh; a‑thaobh a naimhdean uile, nì e tarcais orra.

Oir dh’ith mi luath mar aran, agus mheasg mi mo dheoch lem dheòir,

Thug thu dhaibh aran nan deur ri ithe, agus thug thu dhaibh deòir rin òl ann am pailteas.

Bidh eagal air an duine ghlic; agus trèigidh e an t‑olc; ach tha an t‑amadan borb agus dàn.

Agus ged bheir an Tighearna dhuibh aran airce agus uisge àmhghair, gidheadh cha bhi do luchd-teagaisg air am fògradh fad as; ach bidh do shùilean a’ faicinn do luchd-teagaisg.

Agus dh’àithn an rìgh do Ierahmeel mac Hameleich, agus do Sheraiah mac Asrieil, agus do Shelemiah mac Abdeeil, Baruch an sgrìobhaiche agus Ieremiah am fàidh a ghlacadh: ach dh’fhalaich an Tighearna iad.

Agus bha corraich air na h‑uachdarain ri Ieremiah, agus bhuail iad e, agus chuir iad ann am prìosan e, ann an taigh Ionatain an sgrìobhaiche; oir rinn iad prìosan dheth sin.

Ach nuair a chuala na Pharasaich seo, thubhairt iad, Chan eil am fear seo a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ach tro Bheelsebub, prionnsa nan deamhan.

Dèanaibh gàirdeachas, agus bithibh ro‑shubhach; oir is mòr ur duais air nèamh: oir mar sin rinn iad geur-leanmhainn air na fàidhean a bha romhaibh.

Agus thòisich iad air a chasaid, ag ràdh, Fhuair sinn am fear seo a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh.

Agus dh’èisd iad ris gus am facal seo, agus thog iad an sin an guth gu h‑àrd, ag ràdh, Beir on talamh a leithid seo de dhuine; oir cha chòir e a bhith beò.

Agus chuir iad làmh anns na h‑abstoil, agus chuir iad anns a’ phrìosan chumanta iad.

Am ministearan do Chrìosd iad? (tha mi a’ labhairt mar dhuine mì‑chèillidh). Tha mise os an cionn anns an nì seo: ann an saothairean nas pailte, ann am buillean thar tomhas, ann am prìosanan nas trice, ann am bàsan gu minig.

Agus nuair a chluinneas e briathran a’ mhallachaidh seo, an sin gum beannaich e e fhèin na chridhe, ag ràdh, Bidh sìth agam, ged a ghluais mi ann an ana-miann mo chridhe fhèin, a chur misge ri pathadh:

Fhuair dream eile deuchainn de fhanaidean, agus de sgiùrsaidhean, seadh fòs, de ghèimhlean agus de phrìosan.

Agus nì luchd-àiteachaidh na talmhainn gàirdeachas os an cionn, agus bidh iad subhach, agus cuiridh iad tìodhlacan a dh’ionnsaigh a chèile; do bhrìgh gun do phian an dà fhàidh seo iadsan a bha a chòmhnaidh air an talamh.

A‑nis thubhairt Daibhidh, Gu cinnteach is ann gu dìomhain a ghlèidh mise gach nì a bha aig an fhear seo anns an fhàsach, air chor is nach d’ionndrainneadh nì air bith de gach nì a bhuineadh dha; oir dhìol esan olc dhòmhsa an èirig maith.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan