Agus abraibh, Mar seo thubhairt an rìgh, Cuiribh am fear seo anns a’ phrìosan, agus beathaichibh e le aran airce, agus le uisge airce, gus an tig mise ann an sìth.
Agus anns an ochdamh-bliadhna-deug de a rìoghachadh, nuair a ghlan e an tìr agus an taigh, chuir e Saphan mac Asaliah, agus Maaseiah uachdaran a’ bhaile, agus Ioah mac Ioahais an seanchaidh, a chàradh taigh an Tighearna a Dhia.