Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 18:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Micaiah, Feuch, chì thu anns an là sin air an tèid thu a‑steach do sheòmar-cùil gu thu fhèin fhalach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Ach theich a’ chuid eile gu Aphec, don bhaile; agus an sin thuit balla air seachd-mìle-fichead fear de na dh’fhàgadh. Agus theich Ben-hadad, agus thàinig e don bhaile, do sheòmar-cùil.

An sin chaidh Sedeciah mac Chenaanah am fagas, agus bhuail e Micaiah air a’ ghiall, agus thubhairt e, Cia an taobh a chaidh spiorad an Tighearna uamsa a labhairt riutsa?

An sin thubhairt rìgh Israeil, Glacaibh Micaiah, agus thugaibh air ais e gu Amon, uachdaran a’ bhaile, agus gu Iòas mac an rìgh;

A Thighearna, tha do làmh togte suas, gidheadh chan fhaic iad; ach chì iad, agus bidh iad fo amhluadh airson eud an t‑sluaigh; seadh, loisgidh teine do naimhdean suas iad.

Thig, O mo shluagh, imich a‑steach dod sheòmraichean, agus druid do dhorsan mun cuairt dhut; falaich thu fhèin car tamaill bhig, car tiota, gus an gabh a’ chorraich thairis.

Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, smachdaichidh mise Semaiah an Nehelamach agus a shliochd: cha bhi aige duine a ghabhas còmhnaidh am measg an t‑sluaigh seo, cha mhò a chì e am math a nì mise airson mo phobaill, deir an Tighearna, a chionn gun do labhair e ceannairc an aghaidh an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan