Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 18:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin chaidh Sedeciah mac Chenaanah am fagas, agus bhuail e Micaiah air a’ ghiall, agus thubhairt e, Cia an taobh a chaidh spiorad an Tighearna uamsa a labhairt riutsa?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Sedeciah, mac Chenannah, adhaircean iarainn dha fhèin, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leo seo buailidh tu na Sirianaich, gus an cuirear as dhaibh.

Agus thubhairt Micaiah, Feuch, chì thu anns an là sin air an tèid thu a‑steach do sheòmar-cùil gu thu fhèin fhalach.

An sin bhuail Pasur Ieremiah am fàidh, agus chuir e anns an taigh-smachdachaidh e, a bha aig geata uachdarach Bheniàmin, làimh ri taigh an Tighearna.

Bheir e a ghiall don tì a bhuaileas e; bidh e air a lìonadh làn de mhasladh.

A‑nis cruinnich thu fhèin ann am buidhnean, O nighean bhuidhnean: chuartaich iad le feachd sinn; bhuail iad le slait air a’ ghiall britheamh Israeil.

Agus thòisich cuid dhiubh air smugaid a thilgeadh air, agus a aghaidh fhalach, agus a bhualadh lem basan, agus a ràdh ris, Dèan fàidheadaireachd: agus ghabh na seirbhisich air le slatan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan