2 Eachdraidh 18:22Am Bìoball Gàidhlig 1992A‑nis uime sin, feuch, chuir an Tighearna spiorad brèige ann am beul nam fàidhean sin agad, agus labhair an Tighearna olc mud thimcheall. Faic an caibideil |
Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Tha fhathast aon fhear ann, leis am faod sinn fiosrachadh den Tighearna: ach tha fuath agam dha, oir chan eil e a’ dèanamh fàistneachd mum thimcheall idir air math, ach an còmhnaidh air olc: is e seo Micaiah, mac Imla. Agus thubhairt Iehosaphat, Na abradh an rìgh mar sin.
Agus chuir Iòas rìgh Israeil teachdairean gu Amasiah rìgh Iùdah, ag ràdh, Chuir am fòghnan a bha ann an Lebanon teachdaire a dh’ionnsaigh an t‑seudair a bha ann an Lebanon, ag ràdh, Thoir do nighean dom mhac-sa na mnaoi: agus chaidh fiadh-bheathach seachad a bha ann an Lebanon, agus shaltair e sìos am fòghnan.
A‑nis, uime sin, imich agus labhair ri fir Iùdah, agus ri luchd-àiteachaidh Ierusaleim, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha mise a’ cumadh uilc nur n‑aghaidh, agus a’ dealbh innleachd nur n‑aghaidh: tillibh a‑nis gach aon o a dhroch shlighe, agus leasaichibh ur slighean agus ur gnìomharan.