Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 18:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan, Thèid mi a‑mach, agus bidh mi am spiorad brèige ann am beul a fhàidhean uile. Agus thubhairt an Tighearna, Cuiridh tu impidh air, agus mar an ceudna buadhaichidh tu: imich, agus dèan mar sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna, Cò a chuireas impidh air Ahab rìgh Israeil, a‑chum is gun tèid e suas, agus gun tuit e ann an Ramot-gilead? Agus labhair aon, ag ràdh mar seo, agus aon eile ag ràdh mar siud.

A‑nis uime sin, feuch, chuir an Tighearna spiorad brèige ann am beul nam fàidhean sin agad, agus labhair an Tighearna olc mud thimcheall.

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Feuch, tha gach nì a tha aige ad làimh-sa: a‑mhàin air fhèin na cuir do làmh. Agus chaidh Sàtan a‑mach o làthair an Tighearna.

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Feuch, tha e ad làimh-sa; ach caomhain a bheatha.

Mar a ghràdhaich e mallachadh, thigeadh e air; mar nach robh tlachd aige ann am beannachadh, biodh e fada uaithe.

Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal, agus is iad ana-miannan ur n‑athar as toil leibh a dhèanamh: bha esan na mhortair o thùs, agus cha d’fhan e anns an fhìrinn, a chionn nach eil fìrinn ann. Nuair a labhras e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a’ labhairt: oir is breugair e, agus is e athair na brèige.

Tha sinne o Dhia: an tì aig a bheil eòlas air Dia èisdidh e rinne; an tì nach eil o Dhia, chan èisd e rinn. O seo aithnichidh sinn spiorad na fìrinn, agus spiorad an t‑seachrain.

Agus thilgeadh a‑mach an dràgon mòr, an t‑seann nathair sin, ris an abrar an diabhal, agus Sàtan, a tha a’ mealladh an t‑saoghail uile: thilgeadh a‑mach e a‑chum na talmhainn, agus thilgeadh a‑mach a aingil maille ris.

Agus tha e a’ mealladh na dream a tha nan còmhnaidh air an talamh, leis na comharraidhean sin a thugadh dha a dhèanamh an làthair an fhiadh-bheathaich, ag ràdh ri luchd-àiteachaidh na talmhainn, ìomhaigh a dhèanamh don bheathach aig an robh an lot-claidheimh, agus a bha beò.

Agus thèid e a‑mach a mhealladh nan cinneach, a tha ann an ceithir cheàrnan na talmhainn, Gog agus Magog, a‑chum an cruinneachadh gu cath; muinntir a tha ann an àireamh mar ghaineimh na fairge.

Agus chuir Dia droch spiorad eadar Abimelech agus maithean Shecheim; agus bhuin maithean Shecheim gu fealltach ri Abimelech:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan